Duais FilmG airson SSD2016

Bha sinn air ar dòigh leis an naidheachd gun do bhuannaich an fhilm ghoirid Faigh Wi-Fi! leis an Sgoil Shamhraidh Dràma duais anns an roinn Òigridh aig FilmG airson Film As Fheàrr.

Bha naoinear de na com-pàirtichean an làthair aig Cuirm Dhuaisean FilmG a chaidh a chumail aig The Old Fruitmarket, Glaschu air Dihaoine 17 Gearran. Air an oidhche fhuair iad cothrom coinneachadh ri Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney BPA a thug dhaibh an duais agus a thog fèineag leis a’ bhuidheann a sgaoil e air Twitter as dèidh làimh.

Faodar am film fhaicinn air-loidhne agus lorgar ceangal dhan fhilm le fiosrachadh mu dheidhinn Sgoil Shamhraidh Dràma na bliadhna sa air ar làrach-lìn aig www.feisean.org/ssd

 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer