Dreuchd: Buill na Cèilidh air Chuairt
Tha Fèis Chataibh a’ lorg eadar sianar is ochdnar luchd-ciùil / sheinneadairean òga eadar 16 is 22 bhliadhna a dh’ aois a ghabhas pàirt anns a’ Chèilidh air Chuairt aca am bliadhna.
Gheibhear fiosrachadh slàn agus foirm-iarrtais air loidhne an seo: www.tinyurl.com/fcct2017
Feumar iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f Dihaoine 17mh den Mhàrt.
Thèid agallamhan a chumail Disathairne 25mh den Mhàrt ann an Goillspidh.


