Cothrom-obrach le Fèis Fhoirt

 

Dreuchd:  Co-òrdanaiche na Cèilidh air Chuairt 

Tha Fèis Fhoirt a’ lorg Co-òrdanaiche airson sgeama na Cèilidh air Chuairt 2017.  Bidh an neach seo an urra ri turas ciùil a chur air dòigh agus a stiùireadh do bhuidhinn de luchd-ciùil òga a thèid a-mach a chluich air feadh Shiorrachd Sruighlea, na h-Eaglaise Brice agus Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean tron Iuchar is an Lùnasdal 2017.

Gheibhear dealbh-obrach slàn is fiosrachadh mun sgeama tron cheangal seo:   FFhCT Co-ordinator JD 2017

Airson iarrtais a chur a-staigh, cuiribh cunntas-beatha agus litir a’ mìneachadh ur n-eòlais agus freagarrachd dhan dreuchd gu feisfhoirt@aol.com

Feumar iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f Dihaoine 17 den Mhàrt 2017.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer