Taic le Dràma do Sgoiltean Uibhist tro Fèisgoil

Fhuair ceithir sgoiltean ann an Uibhist buannachd à bùthan-obrach dràma a bh’air an co-òrdanachadh tron t-seirbheis Fèisgoil anns na ceithir seachdainean ro Fèis Dhràma Uibhist.

Ron an Fhèis, a chaidh a chumail air 8 agus 9 Màrt, chaidh an oibriche dràma agus cleasaiche Calum Dòmhnallach le Fèisean nan Gàidheal gus bùthan-obrach dràma a thoirt do na buidhnean sgoile a ghabh pàirt gan cuideachadh le bhith leasachadh ‘s a’ stiùireadh nan dealbhan-cluiche aca.

‘S e fèis de dhealbhan-cluiche Gàidhlig a th’ann am Fèis Dhràma Uibhist a th’air an riochdachadh ‘s air an taisbeanadh le sgoiltean na sgìre. Am bliadhna ghabh Sgoil Dhalabroig, Sgoil an Iochdair agus Sgoil Bhail’ a’ Bhanaich pàirt san fhèis. Chaidh toradh na h-obrach aca a thaobh a bhith leasachadh nan dealbhan-cluiche agus gan deasachadh fhoillseachadh le dà thaisbeanadh phoblach aig tèatar Sgoil Lionacleit.

A bharrachd air an obair seo, bha cothrom aig Calum bùthan-obrach dràma a thoirt seachad do bhuidhnean aig Sgoil Uibhist a Tuath ann an Ceann a’ Bhàigh.

Bidh seirbheis Fèisgoil Fhèisean nan Gàidheal gu cunbhallach a’ co-òrdanachadh taic do sgoiltean a tha sireadh taic le dràma  airson caochladh seòrsa phròiseact. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbheis aig Fèisgoil cuiribh fios air Aonghas MacLeòid no Eilidh NicCoinnich a th’ann an Inbhir Nis air 01463 225559.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer