Fèis a’ Bhaile air bhioran gu dannsa

‘S e fear dhe na dannsaichean as traidiseanta a th’ againn an Alba, a bhios tric a’ faighinn ceol-taic on fhidheall, a’ phìob neo port à beul. A-nis, tha fèis an Inbhir Nis an dòchas gum faigh barrachd dhaoine cothrom air dannsa-ceum le sreath ùr de chlasaichean.

‘S ann uair sa mhìos a bhios na clasaichean dannsa-ceum aig Fèis a’ Bhaile, a bhios ag amas an dà chuid air cloinn agus inbhich. ‘S i Caroline Reagh on chòmhlain Dannsa, a th’ air dannsa-ceum a theagasg air feadh na dùthcha, a bhios a’ stìuireadh nan clasaichean. Chuir an fhèis rompa sreath ùr de chlasaichean a thòiseachadh às dèidh seisean le Caroline an-uiridh.

Thuirt neach-eagraiche na fèise, Rachel Chaimbeul: “Tha sinn air ar dòigh gum bi Caroline o Dannsa a’ stiùireadh na seiseanan. Tha nàdar laghach is foighidneach aice agus tha làn fhios againn gun còrd e ris a h-uile duine a bhios na lùib, ‘s bi fàilte air gach fear is tè do na clasaichean, ge bi dè an t-eòlas a th’ aca air dannsa-ceum”.

‘S ann air an 8mh dhen Ghiblean eadar 11-12f aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilin a bhios a’ chiad seisean agus leinidh iad uair sa mhìos às dèidh sin.

Cosgaidh gach seisean £8 do dh’inbhich agus £5 do chloinn. Bidh tì, cofaidh agus sù ri fhaotainn cuideachd.

A bharrachd air dannsa-ceum, bidh Fèis a’ Bhaile a’ tabhainn clasaichean leantainneach air a’ bhogsa-ciùil, dràma agus seiseanan obair-bhuidhne do dhaoine òga. Thèid am prìomh fhèis aca a chumail eadar 16-20mh Damhair 2017.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh o Rachel Chaimbeul air feisabhaile@feisean.org neo 07763 144 453.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer