Tha trì fèisean ag iomairt airson taice poblaich gus airgead a ghleidheadh bho Urras Coimhearsnachd Aviva 2017.
Tha Fèis na h-Àpainne an Earra-Ghàidheal agus Fèis a’ Bhaile an Inbhir Nis a’ sireadh bhòtaichean gus suas ri £1000 a chosnadh san earrann ‘Sgilean Fad Beatha’. Aig a’ cheart-àm tha cothrom aig Fèis Rois ann an Siorrachd Rois suas ri £5000 a bhuannachadh san earrann ‘Slàinte is Fallaineachd’ a dh’ionnsaigh a’ phròiseict ùir aca Interplay, air a stèidheachadh ann an co-bhonn le HMP Inbhir Nis gus sgilean ceangailte ri ceòl, foghlam agus obair a leasachadh am measg nam priosanach.
Tha na pròiseactan seo an urra ri bhòtaichean a’ mhòr-shluaigh gus gluasad air adhart dhan chuairt dheireannach, is mar sin tha taic bhon phobal a dhìth gus airgead a ghleidheadh.
Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal, “Tha na fèisean seo a’ dèanamh obair ionmhalta anns na coimhearsnachdan aca gus cothroman a chruthachadh anns an h-ealain traidiseanta is chuirinn ìmpidh air daoine taic a chur riutha san sgeama seo. Gu fortanach leis gun tèid aig aon neach suas ri 10 bhòt a chur a-staigh bidh cothrom aig daoine an cuid bhòtaichean a sgaradh eadar na trì fèisean. Bidh taic a’mhòr-shluaigh deatamach gus maoineachadh Aviva a chosnadh, is tha mi guidhe gach soirbheachais dha Fèis na h-Apainne, Fèis a’ Bhaile agus Fèis Rois san iomairt.”
Gus taic a thoirt dha na fèisean seo agus dha na h-ealain traidiseanta aig ìre coimhearsnachd, tadhalaibh air na duilleagan iomairt aca is cuiribh ur bhòtaichean a-staigh ro mheadhan-latha, Dimàirt 21 den t-Samhain 2017:
- Fèis na h-Àpainne – suas ri £1000 san earrann ‘Sgilean Fad Beatha’
- Fèis a’ Bhaile – suas ri £1000 san earrann ‘Sgilean Fad Beatha’
- Fèis Rois – suas ri £5000 san earrann ‘Slàinte is Fallaineachd’
Airson barrachd fiosrachaidh air na fèisean fa leth bheiribh sùil air www.feisabhaile.org; www.feisrois.org agus www.facebook.com/feisnahapainne.