Fèis Lochabair a’ sireadh taic

Tha Fèis Lochabair air Coinneamh Bhliadhnail a ghairm is iad a’ lorg taic bhon choimhearsnachd gus an Fhèis a chumail a’ dol.

Thèid a’ choinneamh a chumail Diardaoin 18 den Fhaoilleach ann am Bun-sgoil Loch Abar sa Ghearastan bho 7f. Tha a’ bhuidheann a’ sireadh bhuill comataidh ùra, a’ gabhail a-staigh cathraiche, ionmhasair, rùnaire agus buill àbhaisteach. Tha an fhèis cuideachd a’ cur fàilte chridheil air duine aig am biodh ùidh cuideachadh prataigeach a thoirt seachad aig tachartasan fèise, no duine a tha airson barrachd fhaighinn a-mach mu na tha iad ris.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal Karen Oakley,
“Tha Fèis Lochabair a’ tabhann sàr chothroman ionnsachaidh anns na h-ealain traidiseanta do dh’ òigridh, le tachartasan airson iomadh aois bho chloinn òga gu oileanaich. Tha dithis no triùir an dùil na dreuchdan aca air a’ chomataidh a leigeil dhìobh am bliadhna, agus tha sinn a’ sireadh bhuill is luchd-taic ùr a thig an sàs anns an Fhèis gus a toirt air adhart thairis air a’ bhliadhna a tha romhainn.”

Nam bu thoil leibh barrachd fiosrachaidh fhaotainn mun choinneimh air neo mun fhèis, cuiribh fios air Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal Karen Oakley air 01463 225559 / karen@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer