Prògram slàn de dh’oideachadh ciùil is seinn do chloinn is inbhich tron latha, agus tachartasan sòisealta gu ciaradh an fheasgair. Sin a tha fainear do dh’Fhèis Mhuile na bliadhna-sa, a bhios a’ tachairt eadar 9mh agus 11mh Gearran 2018 ann am Bun Easain.
Gheibh clann aois 8-18 oideachadh ciùil is Gàidhlig san Fhèis, bidh Fèis Bheag do chlann aois 5-7 agus Croileagan do chlann aois 3-4.
Chaidh fàilte a chur ro mu 50 òganach bho air feadh Eilean Mhuile is Eilean Ì an-uiridh. Tha deagh chuid don luchd-oide a’ tilleadh don fhèis, nam measg, Hannah NicRath: fìdhlear às a’ Ghearasdan a bha anns a’ chuairt deireannach den fharpais Neach-ciùil Òga Traidiseanta a’ BhBC ann an 2016.
Bidh clasaichean seinn sa Ghàidhlig agus dannsa-ceum ann uair eile do dh’inbhich, air an robh fèill mhòr an-uiridh. Tòisichidh clasaichean air an Disathairne le seinn (4-5f) ann am Bun-sgoil Bhun Easain agus ‘s ann aig Talla Bhun Easain a bhios dannsa-ceum (5.15-6.15f). Cosgaidh seo £8.50 airson aon chlas neo £15 airson dà chlas.
Bidh Cèilidh an luchd-oide aig Taigh-òsta an Argyll Arms bho 8.30f oidhche Haoine agus Dannsa na Fèise aig 8f oidhche Shathairne. Bidh fàilte ron a h-uile duine aig na tachartasan seo.
Thuirt Cathraiche Fèis Mhuile, Jennifer Johnston: “Tha sinn air ar dòigh glan gum bi sinn a’ tabhainn prògram slàn de thachartasan aig Fèis Mhuile na bliadhna-sa. Tha sinn fortanach gu bheil sàr sgioba de luchd-oide againne uair eile à Muile, Earra Ghàidheal agus bhon Ghàidhdhealtachd a chumas stiùir ri compàirtichean na fèise”.
Tha Fèis Mhuile a’ faotainn taic-airgid bho Fèisean nan Gàidheal, Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Dealbh: Hannah NicRath, a bhios a’ teagasg aig Fèis Mhuile 2018. (Dealbh air a chleachdadh le cead bho Hands Up For Trad).