Stòr-dàta de Chleasaichean

Tha Fèisean nan Gàidheal gu cunbhalach a’ solarachadh chothroman-obrach do luchd-labhairt na Gàidhlig tro phròiseactan dràma a th’ air an libhrigeadh tron t-seirbheis Fèisgoil agus an-dràsta tha sinn ag ùrachadh ar stòr-dàta de dhaoine le Gàidhlig a dh’fhaodamaid fhastadh mar chleasaichean.

Tha a’ mhòr-chuid de thursan le dealbhan-cluiche agus bùthan-obrach dràmadach ag amas air clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ach tha seirbheis againn do sgoilearan bun-sgoile a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig cuideachd.

Ma tha thu 18 bliadhna a dh’aois no nas sine, ma tha ùidh agad ann an obair-chleasachd ‘s nam biodh ùidh agad obrachadh dhuinn mar chleasaiche gabhaidh foirm-chlàraidh a’ lìonadh air làrach-lìn Fhèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/cothroman

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer