Seachdain Gnìomhach aig 5 Latha 2018.

Chaidh an t-seachdamh 5 Latha a chumail eadar 2-7 Giblean as Na Geàrrannan, Eilean Leòdhais, le 12 com-pàirtiche an sàs ann an taghadh farsaing de ghnìomhan uile air an lìbhrigeadh tro mheadhain na Gàidhlig.

Mar phàirt dhan t-seachdain fhuair a’ bhuidheann cothrom a dhol a thadhail air Rebecca Hutton ann an Taobh Tuath Na Hearadh airson ionnsachadh mu obair a’ Chlò agus mar a tha ise a ruith an gnìomhachas aice fhèin bho ìre dealbhaidh gu fighe agus an uairsin a bhith ga reic. Tron sheachdain bha am buidheann ag obair leis a’ chlò aig Rebecca gus diofar rudan a chruthachadh leithid, cuiseannan, cridheachan, fàinnichean iuchrach, agus measgachadh de phocannan airson uidheamachd chiùil.

Choinnich a’ bhuidhean le uircean Dhòmhnaill MhicSuain shuas Air an Lot ann an Nis ‘s gun iad ach dà latha a dh’ aois. Bha iad cuideachd ag obair gu trang a’ toirt biadh dha na diofar bheathaichean a th’ aig Dòmhnall ‘s chuidich iad le bhith ag ullachadh am bathach airson àm breith nan Uan.

Gach latha bha am buidheann a’ faighinn an cothrom cèol is òrain ionnsachadh bho Norrie MacIomhair (Skipinnish) agus Iain Mac a’ Ghobhainn (Trail West), ‘s chuir iad seataichean ciùil sònraichte ri chèile steidhichte air na cuspairean a bha mar phàirt den fhèis.

A’ tighinn gu deireadh an t-seachdain chaidh na com-pàirtichean air turas le Seatrek a-mach à Miabhaig ‘s fhuair iad air dhol air tìr air Eilean Phabaigh. Chunnaic iad iomadh seòrsa eòin-mhara agus dh’ionnsaich iad mun eachdraidh a th’ air nan eileanan san sgìre.

Thuirt manaidsear leasachaidh Fèisean nan Gàidheal Calum Ailig Mac a’ mhaoilein, ‘B’ e seachdain air leth a bh’ againn a-rithist am bliadhna shuas as Na Geàrrannan, an t-seachdamh turas a tha sinn air 5 Latha a chumail. Tha sinn ag amas air cothrom a thoirt dhan òigridh a bhith a’ cleachdadh agus a bhith neartachadh an cuid sgilean Gàidhlig tro an taghadh farsaing de chur-seachadan a tha sinn a’ cur air dòigh dhaibh, ‘s iad uile air an lìbhrigeadh le eòlaichean fìor chomasach. Tha sinn gu mòr an comainn Bòrd na Gàidhlig airson an taic-airgid a tha iad a’ toirt dhuinn airson 5 Latha a chuir air dòigh agus cuideachd an coimhearsnachd ann an Carlabhagh a tha a’ cumail taic ruinn cho math gach bliadhna”.

Chaidh cèilidh bhliadhnail 5 latha a chumail ann an Talla-Choimhearsnachd Chàrlabhaigh air Diardaoin 5 Giblean, le còrr is 90 san èisteachd le òrain is puirt bho na com-pàirtichean, luchd-teagaisg is luchd-stiùiridh agus muinntir na coimhearsnachd.

Thèid 5 Latha 2019 a chumail eadar 8-13 Giblean.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council