Sìde Spòrsail air Fàire do Chlann Òga le Dealbh-chluich Ùr

Air Diluain 23 Giblean, thòisich turas le ‘Seirm na Sìde’, dealbh-chluich Ghàidhlig ùr le taisbeanaidhean aig Bun-sgoil Bheinn Chamshroin ann an Cille Brìde an Ear agus Sgoil na Coille Nuaidhe ann an Cille Mheàrnaig.  Bidh an tura’ ruith gu Dihaoine 4 Màrt le taisbeanaidhean aig sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann an Comar nan Allt, Glaschu, Dùn Èideann, Drochaid an Easbuig, Sruighlea, Obar Pheallaidh, Peairt, Grianaig,  Dùn Omhainn, An t-Òban, an Apainn agus Eilean Muile.  Thathar an dùil cothrom fhaighinn ga taisbeanadh ann an sgìrean eile san dùthaich nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Freagarrach do chlann òga ann an sgoiltean-àraich ‘s sgoilearan òga sa bhun-sgoil, cuiridh na caractaran san dealbh-chluich, Hùb agus Hàb, eòlas air an t-sìde ‘s dathan a’ bhogha-fhrois le òrain agus pupaidearachd.

Ged a bhios a mhòr-chuid de thaisbeanaidhean airson clann ann am foghlam tro mheadhan an Gàidhlig, aig cuid de na taisbeanaidhean gheibh sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd cothrom an dealbh-chluich fhaicinn cuideachd.

‘S e Megan NicIllFhialain (Hùb) agus Catriona NicNeacail (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. Tha Megan aithnichte mar phreasantair air prògram-chloinne BBC Alba Dè a-nis?.  Tha Catriona air obair chleasachd a dhèanamh ann an caochladh pròiseactan dràma  Fhèisean nan Gàidheal leithid dealbh-chluich Nollaig ‘Marsaili agus a’ Bhleideag Airgid’.   Thèid na guthan-seinn aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.

Chaidh ‘Seirm na Sìde’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal le stiùireadh a thaobh ceòl bho Eilidh NicCoinnich, a tha na Manaidsear Fèisgoil agus le chèile leasaich iad òrain agus fuinn a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Sgeadaich Laura Cowie na culaidhean.

‘S e pròiseact tèatar airson clann sna tràth-bhliadhnaichean a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tro Fèisgoil, an t-seirbheis fhoghlam aig Fèisean nan Gàidheal, a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

Tha an dealbh-chluich ‘s an turas seo a’ leantainn air soirbheachas ‘Hùb Hàb: Cùmaidhean Ceòlmhor’ a chaidh air chuairt timcheall na dùthcha ann an 2017 agus  ‘Hùb Hàb:  Air Ghleus’ ann an 2016.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Hùb Hàb no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org.

Hàb, Seonaidh na Sìde agus Hùb

 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer