Ceann-là na Sgoile Samhraidh Dràma

Glèidh àitè aig an Sgoil Shamhraidh Dràma le bhith lìonadh foirm-iarrtais air-loidhne ro Dihaoine 1 Ògmhios.  Thèid fàilte a chur air iarrtasan bho dheugairean le Gàidhlig a bhios eadar 13 agus 18 aig àm na Sgoile.

Bidh an sgoil chòmhnaidh a’ gabhail àite ann am Port Rìgh eadar Diluain 2 agus Disathairne 14 Iuchar ach tha roghainn aig tagraichean  cuir a-steach airson àite a mhaireas 6 no 12 latha.

Rè na Sgoile gheibh compàirtichean oideachadh air leth ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le torr spòrs ‘s fealla-dhà na chois.  Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil Shamhraidh.  

Gus àite fhaighinn aig an Sgoil Shamhraidh Dràma chan fheumar ach an fhoirm-iarrtais air-loidhne a’ lìonadh a lorgar le tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Sgoil Shamhraidh Dràma no mun fhoirm-iarrtais cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.org no fòn thuige air 01463 225 559.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer