Turas Soirbheachail le Seirm na Sìde

Chaidh a’ chiad turas sgìreil le Seirm na Sìde, an riochdachadh as ùire aig Hùb Hàb, am pròiseact tèatar do bhuidhnean chloinne sna tràth-bhliadhnaichean, a chumail eadar 23 Giblean agus 4 Cèitean.  Tha an dealbh-chluich stèidhte air an t-sìde ‘s dathan a’ bhogha fhrois is tha an aon seòrsa fhòrmat air ‘s bh’air na  riochdaichean Hùb Hàb a dh’fhalbh.

Chaidh na cleasaichean Megan NicIllFhialain agus Catriona NicNeacail fhastadh gus an turas a dhèanamh anns a’ Chrios Mheadhanach, siorrachd Pheairt agus sgìre Earra-Ghàidheal le 22 taisbeanaidhean airson 19 bun-sgoiltean Gàidhlig/ sgoiltean-àraich.  Bha corr is 700 sgoilear an làthair aig na taisbeanaidhean seo.

Thathar an dùil an dàrna turas den dealbh-chluich a chumail ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd eadar 10 agus 21 Sultain.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer