Tha Fèisean nan Gàidheal toilichte Mairi Mhoireasdan ainmeachadh mar stiùiriche Sgoil Shamhraidh Dràma 2018. Tha Mairi, a bhoinneas do Leòdhas ach a’ fuireach ann an Glaschu a-nis, air cliù a chosnadh dhì fhèin mar chleasaiche agus seinneadair air an àrd-ùrlar agus air telebhisean. Na bu thràithe sa bhliadhna seo bha i san dealbh-chluich ‘Cèilidh’ le Theatre Gu Leòr agus tha i aithnichte mar chleasaiche ann am ‘Bannan’ air BBC Alba.
Tha Sgoil Shamhraidh Dràma 2018 na sgoil-chòmhnaidh is bi i a’ gabhail àite ann am Port Rìgh eadar Diluain 2 agus Disathairne 14 Iuchar ach tha roghainn aig tagraichean cuir a-steach airson àite a mhaireas 6 no 12 latha. Thèid fàilte a chur air iarrtasan bho dheugairean le Gàidhlig a bhios eadar 13 agus 18 aig àm na Sgoile. Rè na Sgoile gheibh compàirtichean oideachadh air leth ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le tòrr spòrs ‘s fealla-dhà na chois. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil. Gus àite fhaighinn chan fheumar ach an fhoirm-iarrtais air-loidhne a’ lìonadh a lorgar le tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd
Urras Shìm MhicCoinnich – Taic-airgid
Tha taic-airgid ri fhaotainn do theaghlaichean a tha faighinn Creideas Coitcheann a phàigheas airson suas ri 50% de chosgaisean na Sgoile. Tha an taic-airgid seo ri fhaotainn do thagraichean tro Urras Shìm MhicCoinnich. Chaidh an Urras, a tha fo rian Fhèisean nan Gàidheal, a chur air bhonn ann an 2008 mar chuimhneachan air a’ chleasaiche iomraiteach gus na sgilean ealaineach aig Gàidheil òga a bhrosnachadh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Sgoil Shamhraidh Dràma no mun fhoirm-iarrtais no ma tha fios a bharrachd a dhith ort mun taic a tha ri fhaotainn tro Urras Shìm MhicCoinnich cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.org no fòn thuige air 01463 225 559. Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.