Fuadach nan Gàidheal

Air Dimàirt 11 Sultain, thòisich turas leis a’ bhùth-obrach eadar-obrachail  ‘Fuadach nan Gàidheal’, a tha ag amas air sgoilearan bun-sgoile eadar P5-P7 a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd.  Chaidh a’ bhùth-obrach a’ leasachadh le Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid ‘s tha ga thoirt timcheall sgoiltean ann an sgìre Inbhir Nis s Siorrachd Rois.  Thuirt e: “Anns a’ bhùth-obrach bi sgoilearan a’ cur eòlas air a’ bhuaidh a bh’aig na fuadaichean air muinntir na Gàidhealtachd is aig an aon àm gheibh iad cothrom faclan agus abairtean Gàidhlig ionnsachadh.”

Chì sgoilearan brat-grèis àlainn sa bhùth-obrach a chaidh a chruthachadh a dh’aona-ghnothach son an turais.  Tha iomadach sealladh bho na fuadaichean air am fighe a-steach don bhrat-ghrèis a chruthaich Lizzie NicDùghaill bho The Highland Story Quilts.

Tha an turas mar phàirt den phrògram Sgoile ‘s Coimhearsnachd aig an fhèis chiùil Blas a th’air a lìbhrigeadh tron t-seirbheis foghlaim Fèisgoil.  Bidh an turas a’ ruith gu deireadh an teirm seo.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer