Am bu thoil leibh a bhith air sgioba stiùiridh Fèis Latharna?

Tha Fèis Latharna a’ sireadh buill comataidh agus luchd-eagraiche ùr a chumas stiùir air tachartasan na fèise ann an 2019.

Tha an Fhèis air sìor-fhàs anns na beagan bhliadhnaichean a dh’ fhalbh. Ghabh 200 daoine òga aois 5-18 pàirt sa phrìomh Fhèis aig àm na Càisge san Òban.  Bidh 65 duine cloinne a’ faighinn oideachadh ciùil a h-uile Disathairne tron teirm sgoile bhon Fhèis.

Faodar taic a chumail ris an Fhèis ann an iomadach dòigh leithid tuitearan a chur air dòigh, a’ coimhead às dèidh an òigridh neo a bhith a’ togail airgid.

Thèid Coinneamh Bhliadhnail na fèise air aghaidh Disathairne 15mh Dùbhlachd 2018 aig Ionad Eaglais a’ Ghlinne Chruitein bho 1f.

Ma tha ùidh agaibh a bhith an sàs leis an Fhèis, faodar fios a chur do mail@feislatharna.org neo nochdadh aig a’ Choinneamh Bhliadhnail air an latha.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer