An t-seachdain sa chaidh thòisich turas nàiseanta leis an dealbh-chluich Nollaig ùr Seocan agus am Bogsa-ciùil leis a’ chiad taisbeanadh aig Bun-sgoil Àth Tharracail.
Mairidh an turas 15 latha, eadar 26 Samhain agus 14 Dùbhlachd, agus anns an ùine sin thathar an dùil 29 taisbeanaidhean a chumail do chlann òga bho corr is 40 sgoil a tha tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thèid taisbeanadh poblach a chumail air Diardaoin 13 Dùbhlachd aig an Ironworks, Inbhir Nis aig 7f.
Chithear na tàlantan cleasachd aig Iain Beggs, Megan NicGill-Fhaolain agus Katie Hammond anns an dealbh-chluich. ‘S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, a sgrìobh e agus ‘s e a thug stiùireadh do na cleasaichean. “Anns an sgeulachd tha feum aig Seocan òg air airgead airson na Nollaig is ann an oidhirp gus beagan airgid a chosnadh dha fhèin ‘s a sheanmhair, tachraidh e ri genie fialaidh don ainm Fergie agus fuamhaire cliùiteach don ainm Murdanaidh Mòr, a tha torr nas lugha na tha daoine air a bhith cumail a-mach. Tha na gibhtean ciùil aig na cleasaichean gu math follaiseach le ceòl a’ bhogsa, agus òrain Gàidhlig traidiseanta, Nollaigeach agus amaideach rin cluinntinn. Chuir na triùir cleasaichean gu mòr ri na caractaran aca ann an dòighean gu math èibhinn is le cothroman gu leòr don luchd-amhairc pàirt a ghabhail bhithinn an dùil gum bi e na tlachd don a h-uile duine a bhios an làthair ge bi dèn aois.”
Tha an turas agus an obair riochdachaidh air a lìbhrigeadh tro Fèisgoil, seirbheis ealain ‘s foghlam Fhèisean nan Gàidheal, a th’air a stiùireadh le Eilidh NicCoinnich. “A h-uile bliadhna bheir sinn cothrom don àireamh as motha de sgoiltean ‘s a s’ urrainn an dealbh-chluich fhaicinn. Am bliadhna bha e fìor mhath cothrom fhaighinn tadhal air sgoiltean ann an Àth Tharracail agus Malaig agus Bun-sgoil an t-Sàilein ann am Muile. Bidh an dàrna seachdain den turas a’ gabhail a-steach 4 làithean anns na h-Eileanan an Iar a’ tòiseachadh ann am Barraigh air 3 Dùbhlachd agus thig e crioch le dà thaisbeanadh do sgoiltean aig Talla Bhaile Steòrnabhaigh madainn Diardaoin 6 Dùbhlachd.
Tha an sgioba fada an comain Kirsten Brown a dhealbhaich ‘s a riochdaich an seata agus Laura Cowie a chur na h-èididhean aig na cleasaichean air dòigh. ‘S e Eilidh NicCoinnich a thug stiùireadh-ciùil don sgioba.
Tha Seocan air a chluich le Megan NicGillFhaolain, a tha aithnichte mar phreasantair air BBC Alba. ‘S e Barrach a th’ann an Iain Beggs agus tha dà charactar aige san dealbh-chluich is e na sheanamhair do Sheocan agus na genie don ainm Fergie. Bidh eòlas aig daoine air Iain mar chleasaiche anns an dràma Bannan agus san t-sreath chomadaidh Func air BBC Alba. ‘S e Murdanaidh Mòr an caractar a th’aig Katie Hammond a bhoinneas do Coatbridge. Anns an t-Sultain bha Katie na com-pàirtiche anns a’ phròiseact Dràma air Chuairt is i a’ cleasachd ann an dealbh-chluich a chaidh air chuairt tron Ghàidhealtachd mar phàirt de phrògram Fèis Blas.
‘S e seo an t-aonamh bliadhna deug a’ riochdaich Fèisean nan Gaidheal dealbh-chluich Nollaig le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.
Thuirt Brian Ó hEadhra, Neach-comhairle Ealain is Cultair aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2018-23 a’ toirt prìomhachas do chleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig agus a’ cur na Gàidhlig air adhart agus tha am panto ùr aig Fèisean nan Gàidheal na dheagh eisimpleir air mar a ghabhas seo a chur an gnìomh. Tha e math faicinn, cuideachd, sgoilearan air feadh Alba – anns na h-Eileanan, sgìrean dùthchail, bailtean agus bailtean mòra– a’ faighinn an cothrom dràma na Gàidhlig fhaicinn anns a’ choimhearsnachd aca fhèin.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun turas cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.org no Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.org no 01463 225559.