Dealbh-chluich a’ toirt aire Ghàidheal òga don t-Seann Bhliadhn’ Ùire

Fèisgoil – co-obrachadh le trì sgoiltean Gàidhlig sa Ghàidhealtachd: Loch Abar, Inbhir Nis is Port Rìgh 

Chaidh dealbh-chluich ùr, stèidhichte air seann sgeulachdan a dh’innseadh nàbaidhean o thaigh gu taigh aig àm na Bliadhn Ùire, a thaisbeanadh airson a’ chiad uair ann an trì sgoiltean Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd.  

Chaidh Oidhche Challainn a  sgrìobhadh le Catriona Leacsaidh Chaimbeul bho Theatre Gu Leòr gus aire a thogail a-measg dhaoine òga gu seanchas agus misneachd a thoirt dhaibh sgeulachdan innse is rannan aithris le beachd gun cuireadh na trì sgoiltean an dreach fhèin air na dealbhan-cluiche, le taic bho eòlaichean dràma is luchd-ciùil ionadail a tha nam pàrantan cloinne sna sgoiltean.

Bha sgeulachdan is cleachdaidhean à beul-aithris nam pàirt chudromach de gach dealbh-chluich agus chaidh oidhirp shònraichte a dhèanamh le Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar cuid dhiubh a chruinneachadh bho mhuinntir an àite. Thuirt John Joe MacNèil, ceannard sgoile:

“Bha sinn air bhioran an dealbh-chluiche seo a chuir air doigh air an àrd-ùrlàr is tha sinn an dòchas gun do chòrd an taisbeanadh seo ri daoine san sgìre seo agus as na cearnaidhean eile don Ghàidhealatachd far a bheil am pròiseact air a bhith a’ ruith. Bu mhath leam taing a thoirt don h-uile duine a bha na lùib.”

Chuir dithis de sgoilearan Bhun-sgoil Loch Abair Shane agus Emma ris na thoirt an ceannard aca:

“B’ e Oidhche Challainn an taisbeanadh as fheàrr a rinn sinn a-riamh. Tha e cudromach gu bheil sinn a’ cuimhneachadh air na seann sgeulachdan is na làithean a dh’aom. Bha na mìosan a dh’fhalbh cho spòrsail is bu mhath leinn taing a thoirt do Lana gu h-àraidh”

Bha na h-ealain chruthachail a’ ruith tro na dealbhan-cluiche le sgilean sònraichte aig cuid de na caractaran – ‘s gu h-àraid fighe!

Chuir Ingrid NicEanraig fuinn ris na faclan ùra a sgrìobh Catriona Leacsaidh agus còmhla ris an duine aice, Iain MacPhàrlain, bha i air leth toilichte a bhith an-sàs sa phròiseact gus taic a thoirt do na sgoilearan. 

Thuirt Ingrid: “Bha e na thlachd dhomh a bhi an-sàs anns a’ phròiseict seo agus òrain ùra a cho-sgrìobhadh airson na dealbh-chluich. Tha e an còmhnaidh spòrsail ceòl a sgrìobhadh airson caractairean èibhinn, beòthail agus chòrd e rium gu mòr a bhith a’ cèilidh air an sgoil is obair a dhèanamh leis a’ chloinn.”

‘S e Fèisean nan Gàidheal a chruthaich am pròiseact seo ‘s chaidh taic shònraichte a thabhann do gach sgoil.  Chum Oifigear Dràma na buidhne, Aonghas Macleòid, taic ri Iain Murchadh Mac a’ Mhaoilein, neach-teagaisg aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.  Chuir Lana Pheutan bùithtean-obrach seachdaineach dràma air adhart ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar is Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh.  Lìbhrig Eilidh NicLeòid is Aonghas MacCoinnich seiseanan ciùil ann am Port Rìgh.  Bha Julie Fowlis is Éamon Doorley a’ cumail taic-ciùil ri sgoilearan Inbhir Nis a fhuair taic shònraichte le solais is seata bho Fèis na h-Òige.  

Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil:“Bha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte co-obrachadh leis na trì sgoiltean Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd air pròiseact a tha aig cridhe na coimhearsnachd le sgeulachdan is òrain na lùib a’ toirt cothrom sònraichte don chloinn a bhith a’ leasachadh an cuid sgilean cainnt a bharrachd air co-obrachadh a bhrosnachadh eadar na sgoiltean. Tha sinn gu mòr an dòchas gun do chòrd e ris a’ chloinn agus an luchd-obrach, a bharrachd air an sgioba chruthachail a chuir Oidhche Challainn air dòigh. Tha sinn fada nan comain uile. Bu mhath leinn taing a thoirt, cuideachd, do Riaghaltas na h-Alba a thug dhuinn taic-airgid agus do Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd airson cuideachadh a bharrachd a thoirt do Bhun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar.”

Gabhaidh na taisbeanaidhean fhaicinn air FèisTV agus bidh na clàraidhean nan goireas ùr do sgoiltean Gàidhlig.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer