Com-pàirtichean nam Fèisean a’ fosgladh Celtic Connections 2019

Tha òigridh nam Fèisean am measg còrr is 100 neach òga a bhios a’ nochdadh air an àrd-urlar a-nochd mar phàirt de chuirm fosglaidh Celtic Connections 2019, ‘Syne of the Times’, còmhla ri cuid dha na luchd-ciùil traidiseanta is seinneadairean Gàidhlig is ainmeil a th’ againn.

Gheibh ceathrad com-pàiritiche bho air feadh nam Fèisean an cothrom a bhith a’ cluich ceòl bho The Seer, coimisean Fèis Rois air a dhèanamh le Lauren MacColl, Harvest le Dòmhnall Seadha, coimisean a chaidh a dhèanamh an toiseach ann an 2004 aig Celtic Connections, agus puirt is òrain còmhla ri Dàimh agus Julie Fowlis. A thuilleadh air seo, bidh cothrom aca set no dhà a chluiche le Hadhirgaan, buidheann òigridh à Arcaibh agus le SonDeSeu, orcastra à Galicia.

Thuirt com-pàitiche òga Fèis Fhoirt Seumas Kirkpatrick, “‘S e cothrom sònraichte a th’ ann a bhith nochdadh ann an àite mar Talla Rìoghail Ghlaschu, a’ cluich ceòl mìorbhaileach còmhla ri cuid dhan luchd-ciùil is sgrìobhadairean as fheàrr a th’ againn ann an ceòl traidiseanta an latha an-diugh”.

Thuirt an neach-ciùil Lauren NicColla: “Tha consart na h-oidhche a-nochd air leth cudromach dhomh fhìn, leis gu robh mi an sàs le Harvest bho chionn còig bliadhna deug. Bha an consart sin na thogail mhòr dhòmhsa mar neach-ciùil òga, ‘s mi air mo chuairteachadh le gaisgich agus an luchd-ciùil a b’ fheàrr a bh’ ann aig an àm. Tha ceòl Dhòmhnaill Seadha làn spionnadh, le fuaim ceòlmhor a tha a’ toirt misneachd do dhaoine, ‘s tha e air leth math a bhith faicinn gu bheil òigridh faighinn an aon chothrom ‘s a fhuair mise. Tha e cuideachd na urram dhòmhsa a bhith a’ toirt seachad an ceòl a sgrìobh mi airson ‘The Seer’ dhan an òigridh seo a tha cho comasach.

Thuirt Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal Calum Ailig Macmhaoilein, “Tha e cho math gu bheil òigridh nam Fèisean a’ faighinn an cothrom a bhith cluiche aig Fèis cho ainmeil ri Celtic Connections ‘s gu h-àiridh mar phàirt den cuirm fosglaidh. Tha tachartasan mar seo a’ toirt misneachd agus togail mhòr dhan òigridh, mar a chunnaic sinn le Ceòl nam Fèis agus Òran Mòr an uiridh, agus na phàirt chudromach dhan leasachadh aca mar luchd-ciùil òga.

Tòisichidh a’ chonsart aig 730f ann an Talla Chonsart Rìoghail Ghlaschu. Bidh cothrom ann cuid dhan a’ chonsart fhaicinn, le agallamhan com-pàirtiche, air BBC Alba anns na beagan seachdainean a tha romhainn.  

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council