Dealbh-chluich mu Bhurraidheachd-saidhbear air Turas Nàiseanta

An teirm-sa tha bun-sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha a’ faighinn cothrom ionnsachadh mu bhurraidheachd-saidhbhear agus sàbhailteachd an eadar-lìon tron dealbh-chluich ùr Nam Brògan-sa, a th’air a riochdachadh tro Meanbh-chuileag, am pròiseact tèatar-oideachaidh aig Fèisean nan Gàidheal.

Chaidh an dealbh-chluich do aon neach a sgrìobhadh ‘s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal.  

Chaidh dithis chleasaichean, Iain Beggs agus Lana Pheutan, fhastadh gus an dealbh-chluich a thaisbeanadh ann an sgìrean eadar-dhealaichte de dh’Alba. 

Thòisich an turas nàiseanta air 25 Gearran ann an Eilean Leòdhais agus leanaidh e gu 2 Giblean, le Iain ga taisbeanadh anns h-Eileanan an Iar, ‘s a’ Ghàidhealtachd agus sgìre Earra-Ghàidheal.  Tha Lana ga toirt timcheall sgoiltean anns a’ Chrios Mheadhanach, Peairt agus Obar Dheathain.

Tha Iain, a Barraigh, aithnichte mar chleasaiche bho dhealbhan-cluiche leithid Shrapnel le Theatre Gu Leòr agus air telebhisean air prògramanan BBC Alba leithid Bannan agus an t-sreath chomadaidh Func.  Tha Lana, a bhoinneas don Eilean Sgitheanach air ùr cheumnachadh ann an cleasachd bho Oilthigh Napier agus gu mòr an sàs ann an cleasachd, sgrìobhadh is obair riochdachaidh do Pretty Knickers Productions. 

‘S e pròiseact tèatar-oideachaidh do sgoilearan ann an ceann shuas na bun-sgoile a th’ann am Meanbh-chuileag a th’air a lìbhreagadh turas sa bhliadhna le Fèisean nan Gàidheal tro Fèisgoil, seirbheis fhoghlam is ealain na buidhne.

Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean gus an dealbh-chluich a riochdachadh ‘s an turas a chur air dòigh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Nam Brògan-sa no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council