Dealbh-chluich cheòlmhor mu Shàbhailteachd Rathaid air Turas

Air Diluain 4 Màrt, thòisich turas de ‘Rannan an Rathaid Mhòir’, dealbh-chluich Ghàidhlig ùr mu shàbhailteachd rathaid a bhios a’ tadhail air clann òga ann an sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann am meadhan na h-Alba, Earra-Ghàidheal agus siorrachd Pheairt.

Mairidh an turas 10 latha, le taisbeanaidhean ann an Cille Mheàrnaig, Cille Brìde an Ear, Comar nan Allt, Glaschu, Dùn Èideann, Drochaid an Easbuig, Peairt, Grianaig, Dùn Omhainn, Tiriodh, An t-Òban, Srath na h-Apainne agus Obar Pheallaidh.   

Thathar an dùil tursan a bharrachd a’ lìbhrigeadh tro na h-Eileanan an Iar agus sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Rè na dealbh-chluiche ionnsachaidh Hùb agus Hàb mu shàbhailteachd rathaid tro òrain agus comhairle fheumail a bheireas fear loiliopop dhaibh.

‘S e Anna NicDhòmhnaill (Hùb) agus Catriona NicNeacail (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. ‘S e seo an dàrna thuras a dh’obraich iad còmhla air a’ phròiseact Hùb Hàb aig Fèisgoil. Tha Anna stèidhte ann an Glaschu ach ‘s ann à Tiriodh a tha i o thùs agus tha i aithnichte mar cheòladair ‘s neach-ealain.  Boinnidh Catriona do Inbhir Nis ach tha i a-nis a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean tha i air obair chleasachd a dhèanamh ann an caochladh phròiseact dràma Fhèisean nan Gàidheal leithid dealbh-chluich Nollaig ‘Marsaili agus a’ Bhleideag Airgid’.   Thèid na guthan-seinn grinn aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.

Chaidh ‘Rannan an Rathaid Mhòir’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal is thug Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich stiùireadh-ciùil seachad do na cleasaichean. Chaidh na h-òrain ùra agus fuinn a-nochdas san dealbh-chluich a chruthachadh a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Dhealbhaich agus sgeadaich Laura Cowie na h-èididhean snasail aig na caractaran.

‘S e pròiseact tèatar airson clann sna tràth-bhliadhnaichean a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tro Fèisgoil, an t-seirbheis fhoghlam aig Fèisean nan Gàidheal, a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Tha an turas seo a’ leantainn air soirbheachas ‘Hùb Hàb: Seirm na Sìde a chaidh air chuairt timcheall na dùthcha ann an 2018, Hùb Hàb: Cumaidhean Ceòlmhor ann an 2017 agus  ‘Hùb Hàb:  Air Ghleus’ ann an 2016.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Hùb Hàb no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council