Ceann-latha Iarrtasan na Sgoile Samhraidh Dràma

Thèid Sgoil Shamhraidh Dràma na bliadhna-sa a chumail ann am Port Rìgh, eadar Diluain 8 agus Disathairne 20 den Iuchar 2019.  Thèid fàilte a chur air iarrtasan bho dheugairean le Gàidhlig a bhios eadar 13 agus 17 aig àm na Sgoile ro Dhihaoine 31 den Chèitean.  Lorgar an fhoirm-iarrtais air loidhne agus tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail anns an sgoil-chòmnaidh.

‘S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, a tha ga cuir air dòigh, thuirt e “Tha roghainn aig tagraichean cuir a-steach airson àite mhàireas 6 làithean no 12 latha.  Rè a’ chiad seachdain gheibh a h-uile com-pàirtiche cothrom eòlas a chur air sgilean chleasachd ‘s dràma eadar-dhealaichte agus air Disathairne cothrom film goirid a riochdachadh airson FilmG, com-fharpais nam filmaichean goirid aig MG Alba.  Gheibh com-pàirtichean a bhios clàraichte airson 12 latha cothrom an obair aca a leasachadh ‘s taisbeanadh air an oidhche mu dheireadh.  Tha an Sgoil a’ toirt brosnachadh do dheugairean le ùidh ann a bhith leasachadh sgilean cleasachd son an àrd-urlair agus film, agus ‘s ecothrom air leth a th’ann gus na sgilean labhairt aca sa Ghàidhlig a mhisneachadh.”

Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gum bi Mairi Mhoireasdan a’ tilleadh mar stiùiriche ealain na Sgoile  son an dàrna bliadhna.  Tha Mairi, a bhoinneas do Leòdhas ach a’ fuireach ann an Glaschu a-nis, air cliù a chosnadh dhì fhèin mar chleasaiche agus seinneadair.  Tha Mairi aithnichte mar chleasaiche ann am ‘Bannan’ air BBC Alba agus aig deireadh a’ bhliadhna sa chaidh sgrìobh agus bha i a’ cleasachd san dràma Gàidhlig ‘Bana-ghaisgich’ a chaidh a riochdachadh le Theatre Gu Leòr agus a nochd mar phàirt de Chuirmean Cuimhneachaidh na h-Iolaire.

Tha taic-airgid ri fhaotainn do theaghlaichean a phàigheas airson suas ri 50% de chosgaisean na Sgoile.  Tha an taic-airgid seo ri fhaotainn do thagraichean tro Urras Shìm MhicCoinnich. Chaidh an Urras, a tha fo rian Fhèisean nan Gàidheal, a chur air bhonn ann an 2008 mar chuimhneachan air a’ chleasaiche iomraiteach gus na sgilean ealaineach aig Gàidheil òga a bhrosnachadh.

Ma tha ceistean agaibh mun Sgoil Shamhraidh Dràma nach cuir sibh fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.org no fòn thuige air 01463 225 559.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na GàidhligIomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council