Òigridh còmhla gus an cuid sgilean cànain a leasachadh

Tha Na Gearrannan ann an Leòdhas làn òirgridh an t-seachdain-sa leis an ochdamh tachartas fon ainm 5 latha a’ dol air adhart a-rithist sa bhaile.

Bidh 16 òganaich bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt anns an tachartas còmhnaidh cultarail seo fosgailte do dh’ àrd-sgoilearan le Gàidhlig. Gheibh iad an cothrom a dhol an sàs ann an obair chroitearachd, buain mòine, a’ faighinn a-mach mun Chlò Mhòr agus tòrr rudan a bharrachd còmhla ri muinntir na sgìre. A thuilleadh air sin bidh cothrom sònraichte aca ceòl is òrain ionnsachadh bho chuid de shàr luchd-ciùil na Gàidhlig; Ian Mac a’ Ghobhainn, Ellen Dhòmhnallach agus Norrie MacÌomhair, mar phàirt de chur-seachadan na seachdain.

Thuirt Calum Ailig MacMhaoilein, Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal: “Tha sinn air ar dòigh gu bheil sinn air ais anns Na Gearrannan airson 5 Latha. Tha seachdain thrang air thoiseach oirnn le taghadh farsaing de chur-seachadan, a bharrachd air ceòl is òrain leis an sgioba thàlantach de luchd-teagaisg a th’ againn am-bliadhna. Tha sinn gu mòr an comain muinntir na coimhearsnachd a tha cho coibhneil dhuinn gach bliadhna ’s iad a’ cumail taic cho math ris na com-pàirtichean a tha a’ faighinn cothrom luachmhor an cuid sgilean cànain a chur gu feum agus an leasachadh ann an coimhearsnachd Gàidhlig”.

Thuirt­­­­­­­­­­­ Daibhidh Boag bho Bhòrd na Gàidhlig, a tha a’ maoineachadh 5 Latha, “ ’S e gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean an t-amas anns a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig.  Tha 5 latha a’ toirt cothrom air leth do sgoilearan òga a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, anns a’ choimhearsnachd agus aig an aon àm a bhith a’ togail sgilean ùra.  Tha mi cinnteach gun còrd an tachartas ris na daoine òga agus gum bi misneachd aca a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice mar thoradh air pàirt a ghabhail.”

Tha 5 Latha a’ tachairt eadar 8 agus 13 Giblean ’s mar phàirt dhan tachartas thèid Cèilidh Teaghlaich a chumail ann an co-bhonn ri Còisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh Diardaoin 11 Giblean ann an Talla Chòimhearsnachd Chàrlabhaigh aig 7.30f.  Cluinnear òrain is ceòl bho chom-pàirtichean is luchd-teagaisg 5 Latha ’s bidh ticeadan ri fhaighinn air an doras.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council