An diugh (13 den Chèitean) aig Sgoil Thiriodh, Eilean Thiriodh, thòisich turas de ‘Rannan an Rathaid Mhòir’, dealbh-chluich Ghàidhlig ùr mu shàbhailteachd rathaid. Bidh an turas a mhaireas 9 latha a’ tadhal air eileanaich òga ann an sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann an Eilean Muile agus na h-Eileanan an Iar cuideachd.
Rè na dealbh-chluiche ionnsachaidh Hùb agus Hàb mu shàbhailteachd rathaid tro òrain agus gheibh iad comhairle fheumail bhon fhear loiliopop Seonaidh Sàbhailte. ‘S e Anna NicDhòmhnaill (Hùb) agus Catriona NicNeacail (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. ‘S e seo an treas turas a dh’obraich iad còmhla air a’ phròiseact Hùb Hàb aig Fèisgoil. Tha Anna stèidhte ann an Glaschu ach ‘s ann à Tiriodh a tha i o thùs agus tha i aithnichte mar cheòladair ‘s neach-ealain. Boinnidh Catriona do Inbhir Nis ach tha i a-nis a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean tha i air obair chleasachd a dhèanamh ann an caochladh phròiseact dràma Fhèisean nan Gàidheal leithid dealbh-chluich Nollaig ‘Marsaili agus a’ Bhleideag Airgid’. Thèid na guthan-seinn grinn aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.
Chaidh ‘Rannan an Rathaid Mhòir’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal is thug Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich stiùireadh-ciùil seachad do na cleasaichean. Chaidh na h-òrain ùra agus fuinn a-nochdas san dealbh-chluich a chruthachadh a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Dhealbhaich agus sgeadaich Laura Cowie na h-èididhean snasail aig na caractaran.
Anns a’ Mhàrt chaidh an dealbh-chluich air an rathad airson a chiad uair am meadhan na h-Alba, siorrachd Pheairt agus tìr mòr Earra-Ghàidheal. Thathar an dùil turas deireannach do sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd agus Obar Dheathain a lìbhrigeadh anns an t-Sultain.
‘S e pròiseact tèatar do chlann òga a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tro Fèisgoil, an t-seirbheis fhoghlam aig Fèisean nan Gàidheal, a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.
Tha an turas seo a’ leantainn air soirbheachas ‘Hùb Hàb: Seirm na Sìde’ a chaidh air chuairt timcheall na dùthcha an uiridh, ‘Hùb Hàb: Cumaidhean Ceòlmhor ann an 2017 agus ‘Hùb Hàb: Air Ghleus’ ann an 2016.
Gus tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Hùb Hàb no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559 no angus@feisean.org.