Thig Beachdan Òigridh mu Sgudal am follais le Dealbh-chluich Ùr

Thèid dealbh-chluich ùr a bheireas sùil air a’ chàirdeas a th’againn le sgudal a thaisbeanadh an t-seachdain seo le com-pàirtichean Sgoil Shamhraidh Dràma 2019.  Thèid ‘Abair Sgudal!’,  a chaidh a stiùireadh le Mairi NicIlleMhoire a thaisbeanadh Dihaoine 19 den Iuchar aig talla Chille Mhoire aig 7.30f.  A bharrachd air an dealbh-chluich bidh ceòl traidiseanta agus dannsa ann leis a chòmlan-ciùil aig Calum Rothach.

‘S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dhràma Fhèisean nan Gàidheal a cho-òrdanaich a’ phròiseict, thuirt e: “Chaidh an dealbh-chluich a dhealbhadh, a’ sgrìobhadh ‘s a’ deasachadh aig an Sgoil a thòisich air an 8 latha den Iuchar.  Bidh ‘Abair Sgudal!’ a’ taisbeanadh tòrr de na sgilean dràma a chaidh a theagasg rè a’ chiad seachdain de bhùthan-obrach a bha stèidhte air balbh-chluiche, a’ leasachadh charactar, òcaideachadh, rap sa Ghàidhlig, ruitheam corp, dannsa agus gluasad.”

A bharrachd air an oideachadh a fhuaras bho Mhàiri agus Aonghas, fhuair compàirtichean cothrom tadhal air an Skye Space, an stiùidio telebhisean ann an Slèite le buth-obrach a bh’air a lìbhrigeadh le Alasdair MacAoidh, Manaidsear an stiùidio.  Chaidh bùthan-obrach sònraichte de dhanns hip hop ‘s gluasad a’ lìbhrigeadh le Ailsa NicAonghais bho SkyeDance.

FilmG
A bharrachd air obair an àird-ùrlar bha compàirtichean trang a’ riochdachadh film goirid airson FilmG, co-fharpais nam filmaichean goirid aig MG Alba, a tha am-bliadhnasa stèidhichte air a’ chuspair ‘Treòraich’.  Rinn iad filmadh fad latha Disathairne le taic bhon fhear-chamara Alisdair MacAoidh agus thèid an fhilm a ghearradh le compàirtichean na Sgoile an t-seachdain sa.

Cinn-latha SSD2020
Thèid cinn-latha an ath Sgoil Shamhraidh Dràma fhoillseachadh air làrach-lìn Fhèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/ssd

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council