Dealbh-chluich mu Shàbhailteachd Rathaid air Turas sa Ghàidhealtachd

An diugh (2 den t-Sultain) aig Bun-sgoil Mount Pleasant ann an Inbhir Theòrsa, thòisich turas le ‘Rannan an Rathaid Mhòir’, dealbh-chluich Ghàidhlig ùr mu shàbhailteachd rathaid.  Bidh an turas a mhaireas 10 latha a’ tadhal air clann òga ann an sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.  Rè na dealbh-chluiche ionnsachaidh Hùb agus Hàb mu shàbhailteachd rathaid tro òrain agus gheibh iad comhairle fheumail bhon fhear loiliopop Seonaidh Sàbhailte.  ‘S e Anna NicDhòmhnaill (Hùb) agus Catriona NicNeacail (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. ‘S e seo an ceathramh turas a dh’obraich iad còmhla air a’ phròiseact. Tha Anna stèidhte ann an Glaschu ach ‘s ann à Tiriodh a tha i o thùs agus tha i aithnichte mar cheòladair ‘s neach-ealain.  Boinnidh Catriona do Inbhir Nis ach tha i a-nis a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean tha i air obair chleasachd a dhèanamh ann an caochladh phròiseact dràma Fhèisean nan Gàidheal.   Thèid na guthan-seinn grinn aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.Chaidh ‘Rannan an Rathaid Mhòir’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal is thug Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich stiùireadh-ciùil seachad do na cleasaichean. Chaidh na h-òrain ùra agus fuinn a-nochdas san dealbh-chluich a chruthachadh a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Dhealbhaich agus sgeadaich Laura Cowie na h-èididhean snasail aig na caractaran.

‘S e seo an treas turas leis an dealbh-chluich seo am bliadhna.  Chaidh i air an rathad an toiseach anns a’ Mhàrt ann am meadhan na h-Alba, siorrachd Pheairt agus tìr mòr Earra-Ghàidheal agus anns a’ Chèitean chaidh a taisbeanadh aig sgoiltean ann an Eilean Thiriodh, Eilean Muile agus anns na h-Eileanan an Iar.

‘S e pròiseact tèatar do chlann òga a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tro Fèisgoil, an t-seirbheis fhoghlam aig Fèisean nan Gàidheal, a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Tha an turas seo a’ leantainn air soirbheachas ‘Hùb Hàb: Seirm na Sìde’ a chaidh air chuairt timcheall na dùthcha an uiridh, ‘Hùb Hàb: Cumaidhean Ceòlmhor ann an 2017 agus  ‘Hùb Hàb:  Air Ghleus’ ann an 2016.

Gus tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Hùb Hàb no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council