Tha ‘An Rabhadh’, dealbh-chluich ùr mu atharrachadh na gnàth-shìde an teas-meadhain turas nàiseanta an dràsta do bhun-sgoiltean Gàidhlig. Tha an dealbh-chluich a’ toirt sùil air na draghan a th’ann co-cheangailte ris a’ chuspair is thèid stiùireadh a thoirt seachad a thaobh na ghabhas a dhèanamh gus sgudal agus ar lorg carboin a lùghdachadh.
Ag amas air sgoilearan eadar clas a còig agus clas a seachd, chaidh an dealbh-chluich a sgrìobhadh ‘s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal agus tha Artair Donald agus Ceitidh Hammond a cleasachd innte. Anns an dealbh-chuich thèid eòlas a chur air dithis chreutairean-fànais, Comandair an long-fhànais (Artair Donald) is a cho-oibriche Ailigina (Ceitidh Hammond) is an dùbhlan a tha romhpa Talamh a shàbhaladh ann an 2119. Gu mi-fhortanach tha àrainneachd na planaid ann am fìor droch staing ‘s chan eil e coltach gu bheil dòigh ann cùisean a leasachadh ach tha uidheam ùr aig Ailigina a leigeas le aon duine siubhail air ais tro thìm is rabhadh a thoirt seachad do mhuinntir na planaid ann an 2019. Rè na dealbh-chliuche thèid eòlas a chur air na tha ag adhbhrachadh atharrachadh na gnàth-shìde ‘s a bhuaidh a bhios aig na h-atharrraichean sin air a’ phlanaid. A bharrachd air sin bi cothrom aig na sgoilearan ionnsachadh mu chuid de na atharraichean sìmplidh a dh’fhaodadh iad fhèin a dhènamh gus an ìre de sgudal agus ar làrach-cois carboin lùghdachadh.
Bidh an turas, a thòisich air 26 Lùnastal aig Bun-sgoil na Coille Nuaidhe ann an Cille Mheàrnaig, a ruith son sia seachdainean ‘s a’ tighinn gu crioch air 10 Dàmhair. An t-seachdain sa bidh taisbeanaidhean aca ann am Muile, an t-Òban, Malaig agus an t-Eilean Sgitheanach ‘s Loch Aillse. Bidh an dàrna earrann den turas, a thòisicheas ann am Barraigh air Diluain 23 den t-Sultain, a’ tadhal air sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar agus tìr mòr na Gàidhealtachd.
‘S e An Comandair, an caractar a th’aig Artair Donald, a tha fuireach ann an Glaschu ged is ann bho Eilean Thiriodh a tha e bho thùs. Tha torr eòlais aig Artair mar chleasaiche air an àrd-ùrlar agus air beulaibh a chamara mar Coinneach ann am Machair agus bho chionn ghoirid nochd e ann an Outlander. Mura h-eil e ri cleasachd bi Artair gu cunbhallach an lùib obair leasachaidh dràma na Gàidhlig a’ toirt stiùir is oideachadh do bhuidhnean sgoile is buidhnean coimhearsnachd a lìbhrigeadh bùthan-obrach dràma no a’ stiùireadh dealbhan-cluiche.
‘S ann à Coatbridge a tha Ceitidh Hammond agus tha dà charactar aice san dealbh-chluich mar an t-Oifigear Fiosrachaidh Ailigina agus Laura, Talmhaich òg a Glaschu. Cheumnaich Ceitidh bho chionn ghoirid le teisteanas ann an Cleasachd bho Glasgow Kelvin College. An uiridh ghabh Ceitidh pàirt mar chleasaiche anns a’ phròiseact Dràma air Chuairt aig Fèisean nan Gàidheal agus aig deireadh na bliadhna bha i na cleasaiche san dealbh-chluich Nollaig aig Fèisean nan Gàidheal.
‘S e pròiseact tèatar-oideachaidh do sgoilearan ann an ceann shuas na bun-sgoile a th’ann am Meanbh-chuileag a th’air a lìbhreagadh turas sa bhliadhna le Fèisean nan Gàidheal tro Fèisgoil, seirbheis fhoghlam is ealain na buidhne.
Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean gus an dealbh-chluich a riochdachadh ‘s an turas a chur air dòigh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn An Rabhadh no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559 no angus@feisean.org.