Òigridh Fèise a’ seinn ann an Canada

Bidh an t-òigridh a’ seinn aig an Fhèis chliùtach, Celtic Colours  

Tha sianar sheinneadairean òga bho na Fèisean air cuireadh fhaighinn a sheinn aig an Fhèis aithnichte Celtic Colours ann an Canada an-ath mhios. Tha na seinneadairean mar phàirt den phròiseact Fuaran, a chaidh a chuir air dòigh le Fèisean nan Gàidheal airson òigridh a bhrosnachadh a bhith a’ rannsachadh agus a’ cruinneachadh òrain nan coimhearsnachdan fhèin.

‘S iad seinneadairean Fuaran na bliadhna-sa Anna NicDhòmnaill, 24, Tiriodh; Chloë Bryce, 22, Baile Dhubhthaich; Alix Aburn, 16, Inbhir Nis; Catrìona NicNeacail, 23, Inbhir Nis; Donnchadh MacLeòid, 19, An Drochaid Bhanna; Ruairidh Cormack, 24, An t-Eilean Sgìtheanach agus Claire Frances NicNèill, 19, Barraigh. Bidh a’ buidheann seo a’ dèanamh dà chuirm aig an Fhèis, a’ chiad turas a tha iad air na h-òrain aca ghabhail air an àrd-ùrlar còmhla. Còmhla riutha aig na cuirmean seo bidh Na Gaisgich Òga – pròiseact ann an Ceap Breatainn, coltach ri Fuaran a tha a’ toirt stiùireadh do Ghàidheil òga air òrain agus sgeulachdan.

A bharrachd air na cuirmean, bidh an òigridh a’ dèanamh dà thaisbeanadh sgoile agus cearcall seinn a th’ air a chur air dòigh le Comunn Fèis Mhàbu.

Thuirt aon do na seinneadairean Fuaran Anna NicDhòmhnaill à Tiriodh:

“Tha e na thlachd dhomh a bhith an-sàs sa phròiseact Fuaran. Mar chluicheadair is seinneadair, tha e a’ toirt orm a bhith a’ neartachadh na sgilean rannsachaidh agam a bharrachd air a bhith a’ smaointinn mu dheidhinn an cultar agam.

Aon do na nithean cudromach a thog mi bhon phròiseact ‘s e cho riatanach ‘s a tha e gu bheil thu a’ toirt urram do na daoine a tha a’ toirt seachad an cuid eòlais, do na h-òrain agus am fiosrachadh a tha iad a’ toirt seachad agus a bhith cinnteach gu bheil thu a’ dèanamh feum den fiosrachadh mar a chaidh aithris dhut. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag innse sgeulachdan na h-òrain dhan èisteachd ann an Canada”.

Thathas an dùil gun cluinn na bhios an làthair òrain nach cluinnear cho tric san latha an-diugh. Mar eisimpleir, bidh Claire Frances NicNèill a’ gabhail an t-òran “Coitearan Bhatarsaigh”, òran molaidh a chaidh a dhèanamh le Dòmhnall Mac na Ceàrdaich airson an strì a ghabh na coitearan gus sealbh fhaighinn air fearainn an eilein bho uachdairean ann an 1908. Fhuair Claire Frances lorg air an òran ann an leabhar mun bhàrd a chaidh fhoillseachadh le CLÀR ann an 2014.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Karen Oakley:

“’S sinn a th’ air ar dòigh glan cuireadh fhaighinn do dh’Fhèis eadar-nàiseanta Celtic Colours. Tha fèill mhòr air na cuirmean – chaidh na tiogaidean air fad airson na dhà dhiubh a chreic anns an Iuchar. ‘S e deagh chothrom a th’ ann cuideachd a bhith a’ coinneachadh le òigridh coltach rinn fhèin le Gàidhlig bho thaobh thall a’ Chuain Siar. Tha na h-aon seòrsa amasan aig pròiseactan dhen t-seòrsa Na Gaisgich Òga ‘s a th’ aig Fuaran agus tha mi cinnteach gum bi sinn ag ionnsachadh torr bhon chèile”.

Bidh Fuaran a’ seinn aig “It’s Not Just a Fèis” air Christmas Island Disathairne 12 Dàmhair agus Didòmhnaich 13 Dàmhair aig Colaisde na Gàidhlig aig a’ chuirm “Na Gaisgich Òga”.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Fuaran air: www.feisean.org/fuaran.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council