Goireas ùr didseatach air fàire

Bha Ceit Fhoirbeis BPA, Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconomaidh Didsitich, an làthair aig Co-labhairt Bhliadhnail buidheann na h-ealaine Ghàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, far an do chuir i meala-naidheachd air a h-uile duine a bha an sàs ann am bliadhna shoirbheachail san deach goireas ionnsachaidh ùr a chruthachadh a chuireas leasain an tairgse dhaoine.

A bharrrachd air sùil air ais air a’ bhliadhna seo chaidh, chuala am ministear mu phlanaichean airson Oide, goireas ionnsachaidh ùr adhartach a chuireas leasain an tairgse dhaoine, an toiseach ann an seinn sa Ghàidhlig, fìdhlearachd agus cluich a’ bhogsa. Tairgidh an leudachadh ùr nuadh seo air seirbhis FèisTV aig Fèisean nan Gàidheal, a tha air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, leasain le roghainn de Ghàidhlig no de Bheurla a tha an dùil dèanamh cinnteach gur urrainn do dhuine sam bith òrain Ghàidhlig no ceòl Albannach san t-seann nòs ionnsachadh, ge be dè an aois a tha iad, an comas a tha aca no càit a bheil iad a’ fuireach. Gheibhear an goireas air loidhne a dh’aithghearr le tuilleadh leasan gan ullachadh a bheir a-steach ionnsramaidean eile, rud a chumas obair ri luchd-ciùil.

Thuirt Ceit Fhoirbeis BPA, “Bu toigh leam meal a naidheachd a chur air Fèisean nan Gàidheal a thaobh a’ ghoireis mhìorbhilich seo. Tha gluasad nam Fèisean ainmeil airson a cuid obrach ann a bhith a’ sgaoileadh cultar is ealan na Gàidhlig don t-saoghal mhòr agus thèid aig an tionnsgnadh ùr seo air na cothroman a mheudachadh do na tha ag iarraidh a dhol an lùib na Gàidhlig.”

Chuala riochdairean na co-labhairt ann an Tàigh-òsta Mhuilnean an Rìgh ann an Inbhir Nis, mun bhliadhna air leth soirbheachail a bha aig Fèisean nan Gàidheal is iad a’ nochdadh an Aithisg Bhliadhnail anns an robh clàr sgoinneil de na tachartasan, na seiseanan obrach is na pròiseictean a ghabh àite ann an 2018-19 nuair a bha gluasad nam Feìsean a’ comharrachadh Bliadhna na h-Òigridh ann an Alba.

Thug an clàr eugsamhail gu buil amas Fèisean nan Gàidheal a bhith a’ cumail taic ri leasachadh cruthachail na h-òigridh, a’ leigeil leotha an sgilean is an eòlas a chur am meud sna h-ealain, sa chultar agus sa chànain Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan is ann an sgoiltean air feadh na h-Alba. Cha mhòr nach robh 80,000 duine na lùib mar chompàirtichean, saor-thoilich no luchd-èisteachd aig tachartasan leithid Fèisean air leth, Fèis Blas, Cèilidhean air Chuairt, Sgoil Shamhraidh Dràma Gàidhlig, Dealbh-chluich na Nollaige, seachdain chòmhnaidh Ghàidhlig ann an Leòdhas agus seiseanan Fèisgoil ann an sgoiltean.

Thuirt Cairistìona Ghreumach, Cathraiche Fèisean nan Gàidheal: “Tha Aithisg Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal ag innse mu thè de na bliadhnaichean a bu trainge is a bu shoirbheachaile fhathast a bha aig a’ bhuidhinn is aig na buill aice.

“Leig an tuilleadh maoineachaidh a fhuaras bho EventScotland leinn barrachd obrach a dhèanamh còmhla ri ar n-òigridh, a’ toirt dhaibh farsaingeachd phròiseictean is cothroman, is gan cur aig an stìuir rè Bliadhna na h-Òigridh. B’ iad fhèin am prìomh-fheadhainn a thagh na tachartasan aig Fèis Blas, an aon tachartas mòr sa Ghàidhealtachd a chuireadh air dòigh gus a’ bhliadhna a chomharrachadh anns an robh còrr is 750 òganach a chluich ri taobh an gaisgich ciùil, a bha air an taghadh leotha fhèin, nam measg Skipinish, Breabach agus Trail West.

Cuideachd thug na Fèisean a tha nam buill againn clàr sgoinneil de chothroman do dh’òigridh air feadh na h-Alba agus bu toigh leam mo thaing a thoirt do na saor-thoilich air fad a bheir seachad an ùine gus taic a chumail ri leasachadh na h-ealain, na cànain is a’ chultair Ghàidhealaich.”

Chuir Art MacCarmaig, Ceannard, Fèisean nan Gàidheal, ris: “Tha Fèisean nan Gàidheal daonnan taingeil airson taic ar luchd-maoineachaidh agus ‘s e prìomh-dhleasdanas ar sgioba uallach na h-obrach a thoirt bho na ceudan de na saor-thoilich a tha againn agus an gnothach a dhèanamh nas tlachdmhoire dhaibh. Tha ar Co-labhairt Bhliadhnail a’ leigeil leinn taing a thoirt dhaibh airson gach rud a nì iad.”

“Còmhla ri tachartasan Bliadhna na h-Òigridh, bha gnothaichean cudromach eile ann leithid tuilleadh leasachaidh air FèisTV, sianal sruthaidh a sgaoileas tachartasan do luchd-coimhead mòr sgapte air feadh an t-saoghail agus an ùidh a tha a’ sìor-fhàs nar seirbhis foghlaim, Fèisgoil. Tha am meud de Phlanaichean Cànain Ghàidhlig a’ toirt a’ chothroim do dh’Fhèisgoil cumail oirre a’ fàs agus bha tuilleadh chothroman obrach ann le oidean a’ toirt Blasad Gàidhlig do chòrr is 20,000 sgoilear ann an sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd, san Eaglais Bhric, am Peairt is Ceann Rois, an Àir an Ear, an Àir a Deas, an Lannraig a Tuath, an Earra-ghàidheal is Bòid, an Dùn Èideann is ann an Glaschu rè 2018-19.”

Gu leas nan riochdairean bha òraidean air pròiseictean ùra a tha fainear, margaidheachd, obrachadh le deugairean agus còmhradh sònraichte bho thè a tha na seanchaidh, na pìobaire is na seinneadair, Rona Lightfoot, agus chualas ceòl bho chuid de na compàirtichean òga tàlantach bho dhà Fhèis a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis – Fèis na h-Òige is Fèis a’ Bhaile – agus Fèis Inbhir Narainn.

Gheibhear Aithisg Bhliadhnail na buidhne tron cheangal seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council