Rabhadh mu Staing na Gnàth-shìde an cois Dealbh-chluich Ùr

Tha dealbh-chluich ùr mu atharrachadh na gnàth-shìde aig deireadh turas nàiseanta soirbheachail do bhun-sgoiltean Gàidhlig.  Tha An Rabhadh a th’air a thaisbeanadh le Artair Donald agus Ceitidh Hammond  a’ toirt sùil air na draghan a th’ann co-cheangailte ris a’ chuspair is thèid stiùireadh a thoirt seachad a thaobh na h-atharraichean feumail a ghabhas a chur an gnìomh gus sgudal agus ar lorg carboin a lùghdachadh.

Bidh an turas, a thòisich aig deireadh an Lùnastail, a’ taisbeanadh na dealbh-chluiche do chorr is 1300 sgoilear bho 47 bun-sgoil bho air air feadh Alba, a’ gabhail a-steach meadhan na dùthcha, siorrachd Pheairt, Obar Dheathain, Earra-Ghàidheal, an t-Eilean Sgitheanach ‘s Loch Aillse agus na h-Eileanan an Iar.  Bidh an earrann mu dheireadh den turas a’ tadhal air sgoiltean ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, Cille Brìde an Ear agus Eilean Thiriodh.

Ag amas air sgoilearan eadar clas a còig agus clas a seachd, chaidh an dealbh-chluich a sgrìobhadh ‘s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal.  Mhìnich e “Anns an dealbh-chuich thèid eòlas a chur air dithis chreutairean-fànais, Comandair an long-fhànais (Artair Donald) is a cho-oibriche Ailigina (Ceitidh Hammond) is an dùbhlan a tha romhpa Talamh a shàbhaladh ann an 2119.   Gu mi-fhortanach tha àrainneachd na planaid ann am fìor droch staing ‘s ged nach eil e coltach gu bheil dòigh ann cùisean a leasachadh tha uidheam ùr aig  Ailigina a leigeas le aon duine siubhail air ais tro thìm is rabhadh a thoirt seachad do mhuinntir na planaid ann an 2019.”

‘S e An Comandair an caractar a th’aig Artair Donald, a tha fuireach ann an Glaschu ged is ann bho Eilean Thiriodh a tha e bho thùs.  Tha torr eòlais aig Artair mar chleasaiche air an àrd-ùrlar agus air beulaibh a chamara mar Coinneach ann am Machair agus bho chionn ghoirid nochd e ann an Outlander.  Mura h-eil e ri cleasachd bi Artair gu cunbhallach an lùib obair leasachaidh dràma na Gàidhlig a’ toirt stiùir is oideachadh do bhuidhnean sgoile is buidhnean coimhearsnachd a lìbhrigeadh bùthan-obrach dràma no a’ stiùireadh dealbhan-cluiche.

‘S ann à Coatbridge a tha Ceitidh Hammond agus tha dà charactar aice san dealbh-chluich mar an t-Oifigear Fiosrachaidh Ailigina agus Laura, deugaire à Talamh.  Cheumnaich Ceitidh bho chionn ghoirid le teisteanas ann an cleasachd bho Glasgow Kelvin College. An uiridh ghabh Ceitidh na cleasaiche anns a’ phròiseact Dràma air Chuairt aig Fèisean nan Gàidheal agus aig deireadh na bliadhna bha i na cleasaiche san dealbh-chluich Nollaig aig Fèisean nan Gàidheal, a bhios a dol air turas nàiseanta a h-uile bliadhna.

Chaidh an dealbh-chluich ‘s turas a’ riochdachadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.  Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn An Rabhadh no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer