Panto Gàidhlig air Turas Nàiseanta

Tha dealbh-chluich Nollaig ùr don ainm Peadar Dan agus am Mapa-ionmhais an teas-meadhan turas nàiseanta an dràsta agus an t-seachdain sa thèid an dealbh-chluich a thaisbeanadh aig sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar agus Taobh Siar Rois.  Thòisich an turas air 25 Samhain ann an Obar Dheathain agus bi e a’ ruith gu 13 Dùbhlachd agus anns an ùine sin thathar an dùil gun tèid 26 taisbeanaidhean a lìbhrigeadh do chlann bho chòrr is 40 bun-sgoil a tha tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thèid taisbeanadh poblach a chumail air Diardaoin 12 Dùbhlachd aig an Ironworks, Inbhir Nis aig 7f. is bho 6.45f air adhart bi cothrom aig luchd-amhairc srùbag a ghabhail ro làimh agus café Milk Bar an làthair.

‘S e Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, a sgrìobh i agus ‘s e a thug stiùireadh do na cleasaichean. “Tha an dealbh-chluich stèidhte air Eilean an Òir far an tèid eòlas a chur Peadar Dan agus na thachras nuair a lorgas e mapa-ionmhais seunta air an latha ron Nollaig.  Tha Artair Donald, Anna NicDhòmhnaill agus Alexander MacDhòmhnaill air caractaran gu math èibhinn ‘s tarraingeach a chruthachadh is tha iad a’ tabhann cothroman gu leòr don luchd-amhairc pàirt a ghabhail san dealbh-chluich.”

‘S e Caiptean Carach an caractar a th’aig an Tiristeach Artair Donald.   Tha torr eòlais aig Artair mar chleasaiche air an àrd-ùrlar agus air beulaibh a chamara.  Mura h-eil e ri cleasachd bi Artair gu cunbhallach an lùib obair leasachaidh dràma na Gàidhlig a’ toirt stiùir is oideachadh do bhuidhnean sgoile is buidhnean coimhearsnachd a lìbhrigeadh bùthan-obrach dràma no a’ stiùireadh dealbhan-cluiche.

Tha Anna NicDhòmhnaill à Tiriodh cuideachd agus tha dà character aice san dealbh-chluich – Seanmhair Pheadair Dan agus Tina Bellag an t-sìthiche.    Na bu thràithe sa bhliadhna dh’obraich Anna mar chleasaiche anns a’ phròiseact teàtar do  chlann òga Hùb Hàb is tha i aithnichte mar phreasantair air a CBeebies Alba tha i cuideachd aithnichte mar cheòladair ‘s neach-ealain.

Tha Peadar Dan air a chluich le Alexander MacDhòmhnaill à Inbhir Nis.  Cheumnaich e bho Colaiste Inbhir Nis OGE le Dioplòma Àrd Ìre ann an Dràma agus Dèanadas is ann an 2018 bha e na chompàirtiche anns a’ Cho-chruinneachadh Nàisteanta aig Tèatar Òigridh na h-Alba .  Tha Alexander na bhall de Last Stand, companaidh tèatar neo-eiseimeileach a tha stèidhte ann an Inbhir Nis.

Tha an turas agus an obair riochdachaidh air a lìbhrigeadh tro Fèisgoil, seirbheis ealain ‘s foghlam Fhèisean nan Gàidheal, a th’air a stiùireadh le Eilidh NicCoinnich. “S e aon de na rudan as soirbhicheile mun turas leis a’ phanto gach bliadhna an àireamh de sgoiltean bho air feadh na dùthcha a tha an sàs ann.  Am bliadhna bha e fìor mhath cothrom fhaighinn ga thaisbeanadh do chòrr is 40 sgoiltean le Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne, Sruighlea, Bun-sgoil Chnoc a’ Chonaisg, Grianaig agus Bun-sgoil Gheàrrloch nam measg.  Agus, cha bhiodh turas panto ullamh as aonais cothrom fhaighinn tadhal air na h-Eileanan an Iar.  Chaidh an turas a Bharraigh air 2 Dùbhlachd agus chosg iad 4 làithean a’ siubhail air feadh na h-eileanan mus criochnaich iad le dà thaisbeanadh aig Talla Bhaile Steòrnabhaigh far am faigh bun-sgoiltean Leòdhais cothrom cruinneachadh còmhla gus am panto fhaicinn air madainn Diardaoin 5 Dùbhlachd.”

‘S e seo an dàrna bliadhna deug a’ riochdaich Fèisean nan Gaidheal dealbh-chluich Nollaig le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig: “Tha e na amas againn gun tèid Gàidhlig a chleachadh cho tric ‘s a ‘s urrainn, leis an àireamh as motha de dhaoine agus ann an caochladh seòrsa shuidheachadh.  A h-uile bliadhna tha am panto Gàidhlig a leigeil le daoine òga eòlas a chur air a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh taobh a-muigh curraicealam àbhaisteach na sgoile agus tha sinn air leth toilichte taic a thoirt don turas seo.  Tha tèatar beò ann an Gàidhlig na inneal cudromach gus eòlas a bharrachd a thoirt do chlann mu na h-ealainean cruthachail.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun turas cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich  aig eilidh@feisean.org no Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.org no 01463 225559.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council