Fèis Chòmhnaidh Ùr do Dheugairean 

Tha Fèis Òigridh na Mara air leth toilichte gu bheil clàradh a-nise fosgailte airson deireadh-seachdain sònraichte de theagasg ciùil do sgoilearan S1 – S6.

Thèid an tachartas a chumail eadar 7-9 Gearran ann an Arisaig le sàr sgioba de luchd-teagaisg os cionn ghnothaichean, nam measg: Iain Mac a’ Phàrlain (Còmhlan cèilidh Gleann Fhionnainn), Angus Binnie (Fras), Innes Watson (còmhlan Jarlath Henderson), Lauren Moir (Còmhlan cèilidh Riska) agus Lauren Byrne (as àbhaist a bhith na com-pàirtiche agus na co-òrdnaiche de Chèilidh air Chuairt Fèisean Lochabair).

A bharrachd air teagasg air ionnsramaidean ciùil, bidh bùthan-obrach leithid obair-chòmhlain, seinn Ghàidhlig agus cothrom a bhith a’ cluich mar phàirt de seisean ciùil. Cosgaidh an deireadh-seachdain £60 do dh’ òigridh a tha a’ còmhnaidh aig an Fhèis. Airson seo, gheibhear dà oidhche aig Bunkhouse Àrasaig, biadh agus teagasg. Bidh cosgais de £35 clann a bharrachd bhon aon teaghlach. Cosgaidh e £25 agus £15 airson lòn Disathairne agus Didòmhnaich na Fèise.

Tha lùghdachadh air a’ phrìs do theaghlaichean aig a bheil barrachd na aon duine-cloinne a’ dol dhan Fhèis agus do theaghlaichean a bhios a’ faighinn biadh sgoile an-asgaidh.

Fhuair an Fhèis maoineachadh bho Friends of Highland Music a bharrachd air taic-airgid bho  Fèisean nan Gàidheal airson an cothrom seo a chuir air dòigh don òigridh.

Faodar clàradh air tinyurl.com/fonm2020 agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho neach-eagraiche na Fèise Eilidh Sheathach aig eilidh_shaw@hotmail.com

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council