Tha am Bliadhna ùra air tòiseachadh gu sunndach dha Fèis Mhuile às dèidh dhaibh taic fhaighinn bho ghrunn ghnìomhachasan sa choimhearsnachd airson a’ phrìomh Fhèis aca a thèid air aghaidh ann am Bun Easain eadar 7-9 Gearran.
Rinn an Fhèis – a bhios a’ cur teagasg air dòighann an ceòl thraidiseanta, òrain Ghàidhlig agus dràma do chloinn – gairm às dèidh dhaibh a bhith mothachail gun fheumar airgead a bharrachd a thogail airson an Fhèis a’ ruith.
Fhuair an Fhèis taic-airgid bho dhaoine is gnìomhachasan sa choimhearsnachd, nam measg: Inverlussa Marine Services, Turas Mara, Staffa Tours, PDK Shellfish, Ardalanish Farm, Colin Morrison, Craig Rutherford Plant a bharrachd air airgead a fhuair iad bho uachdairean.
Thuirt Cathraiche na Fèise, Jennifer Johnston:
“Coltach ri buidhnean eile, tha cosgaisean na Fèise air èirigh anns na beagan bhliadhnaichean a dh’ fhalbh agus ged a tha sinn a’ faighinn taic bho Fèisean nan Gàidheal agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid tha fhathast cuibhreann eile ri thogail airson an fhèis a ruith.Leis a sin, thòisich sinn sgeama ron Nollaig far am b’ urrainn do ghnìomhachasan airgead a chur mu choinneamh cosgais oide Fèise”.
“Tha daoine air a bhith gu math fialaidh. Tha Colin Moireasdan, mar eisimpleir air a bhith a’ creic mìosachan agus tha an t-airgead air fad air a roinn gu Fèis Mhuile agus buidhnean eile. Tha sinn fada an comain airson an taic a tha sinn air faighinn bho dhaoine air an eilean againne”.
Tha iarrtasan a-nise fosgailte airson an Fhèis. Bidh teagasg tron latha do chlann aois 3 agus nas sine agus bidh tachartasan sòisealta feasgar dhan a h-uile duine. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus foirmean clàraidh na Fèise, cuir fios air Jennifer Johnston – 01681 700 042 neo jenmull83@hotmail.com – neo Morven Gibson – 01681 700 021 neo admin@swmid.co.uk