Cothrom do Cheòladairean Traidiseanta Òga

Tha cothrom aig ceòladairean traidiseanta òga ann an Siorrachd Rinn Friù pàirt a ghabhal air chùairt proifeiseanta sa t-samhradh le Cèilidh air Chùairt aig Fèis Phàislig.

A-nis san treasamh bliadhna, ’s e buidheann de shianar ceòladairean òga eadar 16 agus 25 bliadhna a dh’aois a th’ ann an Cèilidh air Chùairt, a tha tòiseachadh aig deireadh an t-Iuchair. Gheibh iad trèanadh agus ùine son ruith-thairis agus ionnsaichidh iad sgilean a bhios feumal do dh’obair sam bith sna h-ealain agus bidh sgilean dèanadas aca a’ fàs thairis air cola-deug a’ cluich gu poblach.

Thuirt Grant McFarlane, co-òrdanaiche Fèis Phàislig: “Tha Cèilidhean air Chùairt air a bhith cho spreòdach thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh agus tha mi a’ deànamh fiughar ri faicinn dè tha am buidheann 2020 againn a’ dol a dheànamh. Tha e a’ toirt cothrom do dhaoine òga a tha ’s dòcha smaoineachadh mu dheidhinn cùrsa-dreuchd sna h-ealain blasad fhaighinn air dòigh beatha neach-ciùil proifeiseanta gun cnap-starra sam bith a thaobh airgead. Gheibh na com-pàirtichean tuarasdal airson an turas agus mar sin, ’s e obair fìor mhath a th’ ann do dh’oigridh thairis air na làithean-saora.

Gheibh com-pàirtichean cothrom na sgilean dèanadas aca a leasachadh tro trèanadh agus ruithean-thairis nuair a tha iad ag obair ann am buidhnean airson consairtean a chur còmhla.

’S e ath-cheum fìor mhath a th’ ann airson ceòladair òga sam bith a tha sireadh barrachd cothroman ionnsachaidh mu dheidhinn a’ cluich air an àrd-ùrlar agus a’ cur còmhla agus a’ lìbhrigeadh consartan.”

Tha Cèilidh air Chuairt 2020 a-nis fosgailte do dh’iarrtasan agus tha an ceann-latha air an 16mh den Gearran 2020. Bidh fàilte air iarrtasan bho daoine òga eadar 16 agus 25 bliadhna a dh’aois. Cuir iarrtasan thugainn a’ cleachdadh an làrach-lìn Fèis Phàislig – www.feisphaislig.com.

Bidh deuchainnean-cluiche air Didòmhnaich 1mh latha den Mhàrt.

Airson barrachd fios, cuir teachdaireachd gu Grant McFarlane, co-òrdanaiche Fèis Phàislig aig info@feisphaislig.com / 07595175099.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer