Hùb agus Hàb air Turas le Dealbh-chluich Ùr

An diugh (2 den Mhàrt) aig Bun-sgoil Beinn Chamshroin, thòisich turas le ‘Duanagan Aodaich’, dealbh-chluich Ghàidhlig ùr mu aodach.  Bidh an turas a mhaireas 10 latha a’ tadhal air clann òga ann an sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann an ceann a deas na dùthcha, Earra-Ghàidheal agus siorrachd Pheairt.  Rè na dealbh-chluiche tha torr spòrs aig Hùb agus Hàb ag ionnsachadh mu aodach ‘s an t-sìde le nigheadaireachd a dh’fheumas iad a thiormachadh.   Cluinnear torr seinn san dealbh-chluich cuideachd agus chithear Hùb ‘s Hàb ri fealla-dhà  gan èideadh fhèin le preasantan sònraichte a bheireas Seonaidh Spaideil dhaibh.  ‘S e Anna NicDhòmhnaill (Hùb) agus Catriona NicNeacail (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. ‘S e seo an treasamh dealbh-chluich a thug iad air an rathad tron phròiseact. Tha Anna stèidhte ann an Glaschu ach ‘s ann à Tiriodh a tha i o thùs agus tha i aithnichte mar cheòladair ‘s neach-ealain.  Boinnidh Catriona do Inbhir Nis ach tha i a-nis a’ fuireach ann an Dùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean tha i air obair chleasachd a dhèanamh ann an caochladh phròiseact dràma Fhèisean nan Gàidheal.   Thèid na guthan-seinn grinn aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.  Chaidh ‘Duanagan Aodaich’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal is thug Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich stiùireadh-ciùil. Chaidh na h-òrain ùra agus fuinn a-nochdas san dealbh-chluich a chruthachadh a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Dhealbhaich agus sgeadaich Laura Cowie na h-èididhean snasail aig na caractaran.

‘S e seo a’ chiad turas leis an dealbh-chluich seo am bliadhna le dùil gun tèid e air thuras a rithist ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar agus sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd ro dheireadh na bliadhna sgoile seo.

‘S e pròiseact tèatar do chlann òga a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tro Fèisgoil, an t-seirbheis fhoghlam aig Fèisean nan Gàidheal, a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Tha an turas seo a’ leantainn air soirbheachas ‘Hùb Hàb: Rannan an Rathaid Mhòr’ a chaidh air chuairt timcheall na dùthcha an uiridh.  Lorgar fios a bharrachd mu na dealbhan-cluiche eile a chaidh a lìbhrigeadh tron phròiseact o thòisich i ann an 2016 aig www.feisean.org/

Gus tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Hùb Hàb no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.scot.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council