Nuair a thàinig an naidheachd nach bu chòir dhuinn a bhith coinneachadh ann am buidhnean nas motha na dithis, bha e soilleir nach b’ urrainn dha Fèis Phàislig na clasaichean seachdaineil a ruith mar is àbhaist. Cha do chuir sin stad orra ge-tà agus thòisich iad a’ teagasg na clasaichean seachdaineil air loidhne le bhith a’ cleachdadh Zoom. Tha dà fhichead a’ gabhail pàirt agus a’ faighinn leasanan air an fhìdheall le Mairi Voinot, air a’ ghiotàr le Chris Ferrie agus air a’ bhogsa le Joseph Peach. Thuirt Grant McFarlane, Catharaiche Fèis Phàislig;
Bu mhath leam taing mhòr a thoirt dha na h-oidean againn, dha na com-pàirtichean agus an cuid teaghlaichean airson ar cuideachadh fhad ‘s a bha sinn a’ gluasad ar leasanan air loidhne. Fhuair sinn fios gu bheil tòrr chom-pàirtichean ag ràdh gu bheil na clasaichean a’ còrdadh riutha gu mòr. Tha pàrantan taingeil gu bheil na clasaichean fhathast a’ ruith agus ag ràdh gu bheil e math rudeigin a bhith aig a’ chloinn nuair a tha iad uile aig an taigh.
Tha Grant deònach bruidhinn ri Fèisean a tha ag iarraidh beachdan agus molaidhean air teagasg air loidhne agus ma tha sibh smaoineachadh gur e rud a tha an Fhèis agaibh airson fheuchainn, cuir post-dealain dhan oifigear leasachaidh agaibh.