Tasglann òrain Fuaran ga leudachadh

 

Tha Fèisean nan Gàidheal air tuilleadh òrain a chur don ghoireas foghlaim Gàidhlig, Fuaran, air an rannsachadh is air an cruinneachadh le seinneadairean òga bho na Fèisean.

Thòisich am pròiseact dualchais seo ann an 2014 le taic a’ Chrannchuir Nàiseanta agus chaidh a chumail a’ dol le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.  Tha a-nise ochd òrain air fhichead air loidhne, air an gabhail às ùr le daoine òga a bha an sàs sa phròiseact gu ruige seo.

‘S iad na seinneadairean a bha an sàs san t-sreath as ùire; Chloë Bryce à Baile Dhubhthaich; Alix Aburn à Inbhir Nis; Catrìona NicNeacail à Inbhir Nis; Donnchadh MacLeòid à Drochaid Bhanna; Ruairidh MacCarmaig às an Eilean Sgìtheanach agus Claire Frances NicNèill à Barraigh.

Fhuair am buidheann seo an cothrom pàirt a ghabhail ann an deireadh-seachdain trèanaidh fo stiùir sgioba eòlaichean bheul-aithris is obair-raoin – Aonghas Iain Dòmhnallach, Maighread Stiùbhart agus Màiri NicPhàidein – air thòiseachadh air rannsachadh a dhèanamh air na h-òrain.

Chaidh clàraidhean a dhèanamh an uairsin ann an stiùideothan ann an Glaschu agus air a’ Ghàidhealtachd agus, a bharrachd air sin, bha cothrom aig na com-pàirtichean bhideothan a dhèanamh aig làraich sònraichte timcheall Inbhir Nis, nam measg Taigh-cluiche Cùirt an Easbaig, Ionad Clò-Bhualaidh na Gàidhealtachd agus Moniack Mhòr – Ionad Sgrìobhaidh Chruthachail na h-Alba.

Bhon uairsin, tha cothroman air a bhith aig na seinneadairean òga seo pàirt a ghabhail san Fhèis Eadar-nàiseanta Celtic Colours ann an Ceap-Breatain, Alba Nuadh agus cuideachd aig Blas 2019.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal agus co-òrdanaiche a’ phròiseict Karen Oakley: “Tha sinn air ar dòigh gu bheil na h-òrain a-nis air-loidhne. Cha chluinnear cuid de na h-òrain cho tric sna làithean seo agus tha min dòchas gum faigh mòran dhaoine tlachd asta. Tha na h-òrain seo na thoradh air an obair a rinn sgioba de dh’òigridh anns na mìosan a chaidh seachad a bhith a’ togail chòmhraidhean le daoine anns na coimhearsnachdan aca agus rannsachadh nan tasglann. ‘S e a’ chiad turas a rinn cuid anns an sgioba rannsachadh den t-seòrsa seo agus tha e na thogail dhomh fhìn a bhith a’ faicinn gu bheil iad a’ leatainn orra leis an rannsachadh aca fhèin agus a’ lorg tuilleadh òrain”.

Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh ‘s Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn cho toilichte gun deach am pròiseact a leudachadh is gun d’ fhuair an tuilleadh dhaoine òga an cothrom an cuid sgilean cànain agus rannsachaidh a leasachadh.  Tha am pròiseact seo a’ cur ri na h-amasan aig a’ Phlana Nàiseanta 2018-23 gu mòr, agus tha Fèisean nan Gàidheal ri mholadh airson an cothrom seo a thabhainn do na sheinneadairean is iad uile a’ cur ri stòras luachmhor.”

Faodar sealltainn air Fuaran aig www.feisean.org/fuaran far a bheil bhideo ann de gach òran le fo-thiotalan dà-chànanach, faidhlichean fuaim agus earrann sgrìobhte le sgeul an òrain ann am briathran nan seinneadairean òga.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council