Rannsaich òrain Ghàidhlig le Fuaran Fèisean nan Gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ sìreadh chom-pàirtichean airson Fuaran, pròiseact dualchais airson daoine òga eadar 16-25 a bhith a’ rannsachadh agus a’ dèanamh clàraidhean às ùr de dh’òrain às na coimhearsnachdan aca.

Bhon a chaidh am pròiseact a steidheachadh ann an 2014, tha 15 neach-òga eadar 16-25 bliadhna a dh’aois air trèanadh fhaighinn mus do rinn iad fhèin obair rannsachaidh anns na sgìrean aca fhèin. Fhuair iad an cothrom na chruinnich iad a chlàradh gu proifeiseanta ‘s tha 28 òran a-nis mar phàirt den goireas a tha ri fhaotainn an seo.

Tha sinn a-nis a’ coimhead airson an-ath bhuidheann de dh’òigridh airson pàirt a ghabhail ann am Fuaran. Bidh am pròiseact air fad air a lìbhrigeadh air loidhne le fòcas air dòighean as urrainn dha com-pàiritichean a bhith a’ rannsachadh òrain le bhith a’ coimhead air diofar ghoireasan air loidhne leithid tasglainn loidhne agus le bhith a’ togail chòmhraidhean fon/air-loidhne le seinneadairean. Bidh cuideachadh do dh’òigridh a bhith ag ionnsachadh na h-òrain agus gheibhear an cothrom clàradh a dhèanamh às ùr de na h-òrain a lorgar aig àm far am bi e sàbhailte agus ceadaichte dhuinn a dhèanamh.

Chan eil ach 12 àite rim faotainn air a’ phròiseact seo. Chi sibh foirm-clàraidh an seo. Bu chòir gum bi iarrtasan a-staigh ro Dhihaoine 22 Cèitean.

Ma tha ceistean sam bith agaibh no tuilleadh fiosrachaidh a dhìth, cuiribh fios air Karen Oakley, karen@feisean.scot

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council