Cluichibh Còmhla ri Fèis Phàislig

Cluichibh còmhla ri ceòladairean òga bho air feadh na h-Alba le Fèis Phàislig air loidhne sa Chèitean!

 

Tha Fèis Phàislig a’ sireadh ceòladairean òga bho air feadh na h-Alba airson co-obrachadh sònraichte am mìos seo. Thathas ag iarraidh air com-pàirtichean nam Fèisean an t-òran Beò an Dòchas ionnsachadh, agus clàr a dhèanamh sibh pèin a’ cluiche còmhla ri traca a dh’ullaich oidean tàlantach Fèis Phàislig. Nuair a tha na bhidiothan uile deiseil, cuiridh an Fhèis iad uile còmhla agus bidh orcastra didseatach ri chluintinn! Thagh Grant McFarlane, Catharaiche Fèis Phàislig, Beò an Dòchas a chaidh a sgrìobhadh le Robbie Anndra MacLeòid air sgàth ’s gu bheil an t-òran làn teachdaireachdan deimhinneach agus tha e a’ riochdachadh faireachdainnean daoine òga aig an àm neo-àbhaisteach seo.

 

Thuirt Grant “Ged a tha sinn uile aig an taigh aig an àm seo, tha e air a bhith a chòrdadh rium gu mòr na rudan cruathachail a tha a h-uile duine a’ dèanamh air-lòidhne fhaicinn. Bu mhath leinn bhidiothan fhaighinn bho air feadh na dùthcha agus cuiridh sinne rudeigin sgoinneil còmhla aig an àm doirbh a bheireas togail dhan a h-uile duine!”

 

Tha fàilte air òigridh sam bith a thighinn mar phàirt dhen orcastra didseatach aig Fèis Phàislig. Deanaibh bhidio dreach-tìre dhut fhèin a’ cluiche no a’ seinn an òran Beò an Dòchas agus cuir gu info@feisphaislig.com e ro Dhidòmhnaich 31mh dhen Chèitean.

 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig –  https://feisphaislig.com/beo-an-dochas/

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer