Ionnsaich Sgilean Dràma aig an taigh le sreath de bhideothan oideachaidh ùra

Tha cothrom aig Gàidheil òga sgilean dràma ionnsachadh aig an taigh le sreath ùr de bhideothan air loidhne a th’air an riochdachadh le Fèisean nan Gàidheal.

Chaidh a’ chiad earran de bhideothan san t-sreath, Sgilean Dràma, fhoillseachadh agus bidh tuilleadh a’ nochdadh gu cunbhalach anns na seachdainean a tha ri thighinn gus taic a thoirt do sgoilearan leis an oideachadh a bhios iad faighinn aig an taigh fhad a bhios sgoiltean dùinte ri linn buaidh a’ Chorona Bhìorais.

Chaidh na bhideothan seo agus sreath eile don ainm Àm-cluiche, geamannan a bhrosnaicheas cleachdadh na Gàidhlig, a riochdachadh ann an dachaigh Aonghais MhicLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal agus lorgar iad aig cunntas YouTube na buidhne aig www.youtube.com/feistv.

Thuirt Aonghas:  “Tha cuid de na h-eacarsaichean dràma stèidhte air an fheadhainn a bhithinn a’ lìbhrigeadh gu h-àbhaisteach mar phàirt de bhùthan-obrach dràma do buidhnean bun-sgoile.   Chuir mi dreach ùr orra gus am bi iad furasta do chlann na sgilean seo a thogail sna dachannan aca.  Chaidh an sreath a dhealbhadh gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh, gu h-àraidh far nach eil Gàidhlig ga bruidhinn tric san dachaigh.”

Tha dràma na bhun-stèidh de Fèisgoil, seirbheis foghlaim ‘s ealain Fèisean nan Gàidheal, a bhios a’ riochdachadh dealbhan-cluiche Gàidhlig ùra do sgoiltean le turas naiseanta le dealbh-chluich Nollaig nam measg.   Tha Fèisgoil a’ lìbhrigeadh oideachadh ann an sgilean dràma cuideachd agus Sgoil Shamhraidh Dràma a bhios gu h-àbhaisteach a’ gabhail àite san Iuchar ach chaidh a chur dheth am bliadhna air sgàth COVID-19.

Tha Sgilean Dràma agus Àm-cluiche nan eiseimpleirean de chaochladh sheòrsa ghoireas air loidhne a th’air an libhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal mar phairt den iomairt #cleachdiaigantaigh aig Bòrd na Gàidhlig a tha a’ tabhann ghoireasan eadar-obrachaidh air loidhne agus goireasean eile gus taic a thoirt do chlann-sgoile ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhad ‘s a chumas iad sàbhailte aig an taigh.  Tha an t-seirbheis seo air taic fhaighinn bho Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Riaghailteas na h-Alba

Sgilean Dràma 

Àm-cluiche

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council