LEASANAN ÙRA AIR-LOIDHNE GU BHITH AN-ASGAIDH AIG AN ÀM SEO

Chaidh Oide, an t-seirbheis ùr ionnsachaidh aig Fèisean nan Gàidheal, a chur fo sheòl.  Fo bhratach FèisTV, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus HIE, chaidh sreath leasanan ciùil a chruthachadh aig diofar ìrean agus le taghadh an dèanamh sa Ghàidhlig no sa Bheurla. 

Anns a’ chiad dol a-mach tha leasanan ann air a’ bhogsa-ciùil, air an fhidheall agus seinn sa Ghàidhlig. Ri linn taic-airgid a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba, bidh leasanan eile air tuilleadh ionnsramaidean a’ nochdadh a dh’aithghearr.

Tha luchd-teagaisg aithnichte a’ toirt seachad na leasanan, nam measg Iain Mac a’ Ghobhainn bho Trail West air a’ bhogsa, Robbie Greig air an fhidheall agiu na seinneadairean Seumas Greumach, Eilidh NicCarmaig agus Deirdre Ghreumach.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig: “Bha e riamh nar beachd goireas FèisTV a leudachadh gus leasanan a thabhann.  San àbhaist bidh aig luchd-cleachdaidh pàigheadh airson nan leasanan ach tha sinn toilichte an t-seirbheis ùr a thabhann an-asgaidh aig an àm seo fhad ‘s a daoine gan cumail fhèin sàbhailte aig an taigh agus a’ sireadh ghnìomhan a chumas a’ dol iad.  Tha sinn fada an comain nam buidhnean maoineachaidh a chuidich sinn seo a leasachadh.”

Mhìnich Laura NicNeacail, Oifigear Phròiseactan Fèisean nan Gàidheal: “Mar phàirt den sgeama ùr #cleachdiaigantaigh anns a bheil sinn an sàs le Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus buidhnean eile, bidh Fèisean nan Gàidheal a’ lìbhrigeadh barrachd thachartasan beò air-loidhne sna seachdainean a tha romhainn.  Ach bidh beàrnan fhathast ri lìonadh agus tha sinn an dòchas gum faigh daoine tlachd agus eòlas bho bhideothan Oide.”

Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh ‘s Phròiseactan air Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air a’ ghoireas seo is e air leth feumail ann a bhith a’ cur taic ri ionnsachadh ceòl tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha Fèisean nan Gàidheal is buidhnean eile air a bhith ag obair gu cruaidh gus goireasan a chruthachadh tron iomairt #cleachdiaigantaigh is sinn nan comann airson cothroman cruthachail a thoirt seachad do dhaoine aig an àm dhùbhlanach seo.”

Le tuilleadh air 70 bhideo aig ìrean freagarrach do luchd-tòiseachaidh, eadar-mheadhanaich agus adhartach – bidh goireas ann don a h-uile duine a tha airson nan cuspairean sin ionnsachadh le tuilleadh ri thighinn ann an ùine nach bi fada.

Gheibhear na leasanan Oide air-loidhne aig tv.feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer