Leasachadh ur sgilean aig an taigh an t-Samhradh seo le Fèis Air Loidhne!

Bidh Fèis Air Loidhne a’ toirt cothrom do dh’oigridh eadar 5-18 bliadhnachan a dh’aois sgilean ùra ionnsachadh air an t-samhradh seo. Bidh a’ chiad Fhèis Air Loidhne againn beò san t-Iuchar le clasaichean air an lìbhrigeadh le cuid de na h-oidean agus ceòladairean as fheàrr ann an Alba.

 

Air sgàth ’s nach urrainn do Fèis Phàislig an Fhèis àbhaisteach aca a’ ruith an t-Samhradh seo, tha iad air goireas ùr a thogail airson cleachdadh aig an taigh. Tha leasanan ann airson clann aig ìrean eadar-dhealaichte le cùrsaichean airson tràth-bhliadhnaichean, luchd-tòiseachaidh, clann aig ìre eadar-mheadhannach agus cuideachd airson cluicheadairean nas adhartaiche. Ionnsaich sgilean ceòl-traidiseanta, danns, dràma, a’ dèanamh filmichean, seinn agus a bharrachd – tha rudeigin ann airson a h-uile duine!

 

Thuirt Grant McFarlane, Catharaiche Fèis Phàislig, “Tha sinn air ar dòigh mun a’ phròiseact ùr a tha seo airson 2020 – bidh a’ chiad thachartas air loidhne againn a’ toirt an cothrom do dh’òigridh air feadh Alba, no nas fhaide air falbh, sgilean ùra ionnsachadh aig an taigh. Tha na h-oidean againn a’ cruthachadh cùrsaichean air loidhne a tha a’ toirt cothrom dhan oigridh leasannan fhaighinn aig an taigh aig àm sam bith!”

 

Bidh Fèis Air Loidhne ri fhaighinn airson dìreach £40 – nuair a phàigheas sibh seo aon turas bidh na cùrsaichean uile ri fhaighinn, ‘s gabhaibh am luchdadh a-nuas agus gan cumail. Tha e air a bhith comasach do Fèis Phàislig maoineachadh airson taic a chumail ri theaghlaichean agus tha cuideachd àiteachan ri fhaighinn airson clann a tha faighinn biadh-sgoile an asgaidh.

 

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh agus faodar àite a ghleidheadh airson Fèis Air Loidhne an seo – https://www.feisphaislig.com

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council