Buidheann ealain Ghàidhlig a’ cumail oirre a’ tabhann caochladh ghnìomhan foghlaim Gàidhlig do gach aois.
Bho chuir iad na leasain is na gnìomhan as àbhaist a bhith aca sa chlas air-loidhne, tha Fèisean nan Gàidheal (FnG) air leasain an-asgaidh a thoirt do 1,718 daoine air feadh Alba is thall thairis.
Nam measg a tha gan tairgsinn tha seiseanan gheamannan is òrain Ghàidhlig, comhairle dràma is gheamannan, clasaichean còmhraidh Gàidhlig, oideachadh CLPL do luchd-teagaisg, agus leasain fìdhle is bogsa, còmhla ri luchd-còmpairt air feadh na h-Alba is fiù ’s beagan ann an Canada.
Chuir Fèisgoil, meur foirmeil foghlam FnG, cruth ùr air grunn phàirtean den t-seirbhis aice gus dèanamh cinnteach gun robh òganaich air feadh na h-Alba fhathast a’ faighinn leas às an oideas Ghàidhlig as àbhaist dhaibh faighinn sa chlas fhèin. Tron t-seirbhis bidh i a’cur air dòigh oideas ciùil tro Iomairt Ciùil na h-Òigridh agus a’ teagasg na Gàidhlig fhèin gus taic a chumail ri GLE agus cànainean 1+2. Rinn an luchd-obrach toileachas mòr leis mar a chaidh gabhail ri cuid de ghnìomhan Fèisgoil, leis an iarrtas a’ dol seachad air na bha an dùil agus tha iad air gabhail gu mòr ris a’ chliathaig #cleachdiaigantaigh leis a’ bheum as mò air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus cumail taic ri teaghlaichean tro cheangal dìreach ri seiseanan eadar-ghnìomhach.
Tha am pròiseict tràth-bhliadhnaichean teatar ann am foghlam Hùb-Hàb air fear den fheadhainn a tha ga thoirt seachad le Fèisgoil. Ga amas air clann 3-5 bliadhn’ a dh’aois, ach cuideachd freagarrach do chloinn òg a’ bhun-sgoil, tron ghlasadh, tha an cudrom air làmh-chuideachaidh a thoirt dhaibhsan aig an taigh, le òrain gnìomh Ghàidhlig air an seinn air fad le Ellen Dhòmhnallach (a’ bhana-sheinneadair aig Sian is aig Dàimh) is air an cruthachadh le luchd-obrach Fèisgoil. Chaidh an tabhann air clasaichean nan Sgoiltean Gàidhlig agus chòrd iad gu mòr riutha, leis na h-àiteachan air fad air an glèidheadh taobh a-staigh beagan uairean a thìde. Tha mu 150 de chloinn is an cuid phàrantan a’ faighinn leas à fear de na 10 seiseanan air loidhne a h-uile seachdain fad ochd seachdainean.
Air fear de na prìomh-phròiseictean a thugadh seachad le Fèisgoil, chaidh Blasad Gàidhlig a dhealbhachadh gus taic a chumail ri roinn a’ chànain 1+2 de Churraicealam airson Sàr-mhaitheis agus tha e a’ cuideachadh le comhairlean ionadail a bhith a’ toirt am plana cànain gu buil ann an sgoiltean-àraich is am bun-sgoiltean. Feadh a’ ghlasaidh, mar dhòigh air bruidhinn na Gàidhlig a bhrosnachadh aig an taigh, gu h-àraidh ann an dachaighean far nach àbhaist do Ghàidhlig a bhith ga bruidhinn bho latha gu latha, tha clann ann am foghlam na Gàidhlig air a bhith a’ mealtainn seiseanan òrain is geamannan còmhla ri oidean Fèisgoil. Tha clann bho Ghlaschu gu Barraigh agus bho Inbhir Nis gu Leòdhas air a bhith a’ gabhail pàirt ann. Bha a leithid a dh’fhèill orra, gum b’ fheudar dhuinn barrachd oidean a thoirt a-staigh airson an t-iarrtas a shàsachadh.
Mar an ceudna, chaidh liosta feitheimh fhosgladh cha mhòr sa bhad an dèidh tòiseachadh air pròiseict ùr-nuadh, Caraidean Còmhraidh. Mar fhreagairt air beachdan a rinneadh le grunn phàrantan, tha Fèisgoil air pròiseict bonntaichte air còmhradh a ghabhail os làimh do bhuidhnean chàirdean de chloinn aois a’ bhun-sgoil. Tha na buidhnean càirdeis sin air an caigneachadh le inbheach òg fileanta airson còmhradh neo-fhoirmeil.
Tha Fèisgoil cuideachd a’ co-obrachadh le Còisir Òigridh Nàiseanta na h-Alba (NYCoS) air Seinn Bheag an t-Samhraidh, sreath sheiseanan seinn a h-uile madainn seachdaineach fad an ath-chòig seachdainean, a’ crìochnachadh le Seinn Bheag Ghàidhlig an t-Samhraidh bho 29 Òg-mhìos – 3 Iuchar, is Eilidh NicCoinnich air a cheann.
Agus chan iad clann a-mhàin a thug leas às na tha ga thabhann air-loidhne leis a’ bhuidhinn.
Tha Comhairle Baile Ghlaschu air a bhith a’ cur feum air oidean eòlach Fèisgoil gus ionnsachadh a chumail ri luchd-teagaisg bun-sgoiltean Beurla a bhios a’ teagasg Gàidhlig do na sgoilearan aca (GLPL). Tha seiseanan CLPL (sìor-ionnsachadh proifeiseanta san dreuchd)
air a bhith a’ dol o chionn 8 seachdainean còmhla ri luchd-teagaisg a tha air a bhith a’ teagasg seiseanan Blasad Gàidhlig sna sgoiltean aca, gus an ionnsachadh fhèin den chànain a chumail a’ dol.
B’ urrainn do sgoilearan fileanta àrd-sgoiltean agus inbhich òga bruidhinn ri luchd-labhairt na Gàidhlig air stèidh eadar-nàiseanta tro Chafé Bheairteis. A h-uile feasgar Dihaoine air-loidhne, tha aoigh ùr gach seachdain airson an còmhradh a thòiseachadh agus an cuid naidheachdan innse. Am measg nan aoighean bha cluicheadairean proifeiseanta ball-coise, Ruairidh MacGriogair agus Calum MacFhearghais, riochdaire na sìde air an telebhisean, Kirsteen Dhòmhnallach, agus Seumas Greumach, an duine aice, Ceannard a’ Chomuinn Ghàidhealaich, snàmhaiche a’ bhlàr a-muigh is craoladair, Calum MacIllEathain, rothairiche Kerry Nic a’ Phì, an triùir seinn Sian, a’ bhan-fhìdhlear is riochdaire prògram Dreachd Ùr BBC Alba, Shona Masson. Thèid innse fhathast mu thuilleadh aoighean le Niteworks a’ dùnadh a’ chiad teirm den Chafé air-loidhne agus tha na chuir air chois e air an dòigh glan gun do ghabh daoine òga air gach taobh den Chuan Siar pàirt anns na seiseanan Café. Cuideachd tha meur nas fhoirmeile den phròisect, Beairteas, far an cluinnear òraidean is Ceist is Freagairt air diofar chuspairean, a’ toirt a’ chothroim don òigridh òraidean mionaideach a chluinntinn bho dhaoine eadar-dhealaichte. Gu ruige seo chualas mu phàirt nan saighdearan Gàidhealach sa Chogadh Mhòr leis an Sgitheanach, Murchadh Peutan, agus Sandra Mhoireach a’ labhairt air na tha an lùib fasan den t-sàr-ìre.
Chan ann a-mhàin gu bheil na seiseanan seo air ionnsachadh luachmhor a thoirt do bhuidhnean de chaochladh aoisean air feadh na h-Alba ach cuideachd tha iad air teachd a-steach air an robh cruaidh fheum a thoirt do dh’oidean is do luchd-ciùil air feadh na h-Alba a bhios ag obair air an ceann fhèin, is iad air cuid de na daoine as motha a tha a’ fulang aig àm a’ ghalair a tha seo. Gun ghuth air cuin’ a thèid aig an luchd-ciùil seo air tilleadh a dh’obair, no cuine a dh’fhaodas oidean-ciùil tadhail tilleadh don chlas, rinn an obair air-loidhne a chuir buidhnean mar FnG air dòigh feum mhòr dhaibh.
Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, “Tha cothroman ùra anns a h-uile atharrachadh suidheachaidh agus tha sinne aig Fèisgoil ro dheònach gabhail ris a’ cho-obrachadh a ghabhas dèanamh, chan ann a-mhàin eadar sgoiltean agus Fèisean nan Gàidheal ach le teaghlaichean fhèin cuideachd.”
”Tha sinn a’ tuigsinn glè mhath an t-suidheachaidh dhoirbh sa bheil mòran teaghlaichean is daoine òg air leth an-dràsta agus tha sinne cinnteach gun cuidich sinn le daoine pàirt a ghabhail sna h-ealain Ghàidhlig agus fiù’ s gum fàs iad san àm annasach seo. Tha sinn taingeil airson na taic leantainnich a tha sinn a’ faighinn bho chuid a dh’ùghdarrasan ionadail agus cuideachd bho ar n-oidean is bho sgoiltean air leth.”
Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh ‘s Phròiseactan air Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn cho toilichte leis cho soirbheachail ’s a tha seiseanan air-loidhne Fèisean nan Gàidheal air a bhith mar phàirt den iomairt #cleachdiaigantaigh agus àireamh cho mòr de dhaoine òga a’ togail ùidh sa chànan agus cultar aig an àm seo. Tha na seòrsa seiseanan seo air leth cudromach do dhaoine òga le Gàidhlig agus ma dh’fhaoidte aig nach eil an cothrom an cànan a chleachdadh aig an taigh a-mach à uairean sgoile.”
Am measg nan gnìomhan eile a chaidh a chur an tairgse le Fèisean nan Gàidheal bha seiseanan seinn le Calum Ailig MacMhaoilein, seiseanan-obrach air eachdraidh òran le Mairead Stiùbhart agus ionnsachadh ghnàthasan-cainnte le Ailig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air clàr-ama nan tachartasan air loidhne, feuch gun tadhail sibh air www.feisean.org agus thoiribh sùil air duilleag Facebook FnG far am faigh sibh fiosrachadh air mar a chlàrar airson tachartasan ri tighinn. Nam bu toigh leibh barrachd fhaighinn a-mach mu Fhèisgoil agus na bhios i a’ tabhann do na sgoiltean, cuiribh fios gu Eilidh NicCoinnich, eilidh@feisean.scot