Ceann-latha Iarrtasan na Sgoile-Samhraidh Dràma Air Loidhne

Am bliadhna thèid Sgoil-Shamhraidh Dràma Fhèisean nan Gàidheal a lìbhrigeadh air loidhne airson a’ chiad uair gus cothrom a thoirt do dhaoine òga na sgilean cleasachd is sgilean cruthachail aca a leasachadh fhad ‘s a tha iad aig an taigh ri linn buaidh a’ chòrona-bhìorais.

Bidh an Sgoil a’ gabhail àite eadar 6 – 10 den Iuchar 2020 is tha i fosgailte do dh’iarrtasan bho dheugairean a bhruidhneas Gàidhlig le ùidh ann an dràma a bhios eadar 13 agus 17 aig àm na Sgoile.  ‘S e Diciadain 1 den Iuchar an ceann-latha airson iarrtasan.

Tha sinn gu math toilichte Lana Pheutan ainmeachadh mar stiùiriche-ealain na Sgoile.  Bha Lana na compàirtiche san Sgoil Shamhraidh Dràma nuair a bha i na b’òige ‘s nuair a dh’fhàg i an sgoil rinn i ceum le urram ann an Cleasachd airson an Àrd-ùrlair agus Sgrìn aig Oilthigh Napier.  Tha torr eòlais aice air obair cleasachd ann an dealbhan-cluiche, filmaichean-goirid agus bho chionn ghoirid bha i na cleasaiche anns na prògraman telebhisean Func agus Bannan air BBC Alba.

Rè na Sgoile gheibh compàirtichean oideachadh air leth ann an roghainn fharsaing de sgilean dràma le tòrr spòrs ‘s fealla-dhà na chois. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil.  Lorgar tuilleadh fiosrachaidh agus foirm-iarrtais air loidhne aig www.feisean.org/ssd/

Ma tha ceistean sam bith agad mun Sgoil cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.scot.

Tha an Sgoil-Shamhraidh Dràma Air Loidhne maoinichte le Alba ChruthachailBòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Lana Pheutan                                 Dealbh: Scott Cadenhead

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council