A’ comharrachadh Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba tro òrain Ghàidhlig

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cumail taic ri goireas ùr a bhrosnaicheas dualchas na Gàidhlig

Gus Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan a chomharrachadh, tha buidheann na h-ealain Ghàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, a’ cur an cèill co-chruinneachadh mòr de dh’òrain Ghàidhlig co-cheangailte ris a’ chuspair, le goireas ùr òran a chuireas an tairgse an t-sluaigh sreath seachdaineail de stuth air loidhne a ghabhas cleachdadh gus òrain ionnsachadh agus a mhealtainn is iad uile air an gabhail le sàr-sheinneadairean na dùthcha.

‘S e a tha ann an ‘Cladaichean is Uisgeachan’ goireas òran Ghàidhlig sam faighear clàraidhean de dh’òrain Ghàidhlig eadar sean is ùr is cuideachd eachdraidh is fiosrachadh gach òrain agus a bhuinteanas do dh’fhèisean ionadail. Goireas iongantach a bheir cothrom do dhaoine rùrach ann an dualchas is cultar saidhbhir Gàidhlig na h-Alba. An cois gach òrain gheibhear ìomhaigh a’ comharrachadh chladaichean is uisgeachan brèagha na h-Alba.

Tha Fèisean nan Gàidheal, tè de shàr-bhuidhnean ealain na h-Alba, ag obair còmhla ri eòlaiche òran Gàidhlig, Jo NicDhòmhnaill, airson an goireas a chur ri chèile, anns am bi fiosrachadh inntinneach eachdraidheil ionadail, agus am measg nan seinneadairean a tha na lùib, tha feadhainn a ghlèidh buinn òir a’ Mhòid Nàiseanta, Cristin NicCoinnich, Ruairidh MacCarmaig agus Jenna Chuimeanach, gach ball den triùir seinn, Sian, (Eilidh NicCarmaig, Ceitlin Lilidh agus Ellen Dhòmhnallach) agus Iain Mac a’ Ghobhainn bho Thrail West. Gu ruige seo, tha còrr is 40,000 duine air coimhead air na tha ann de bhidioan is de chlàraidhean air Facebook is Youtube agus chan eil am pròiseict ach letheach slighe troimhe fhathast.

‘S e a tha sa ghoireas, a fhuair taic bho Riaghaltas na h-Alba, ach leudachadh air goireas nan òran ‘Fuaran’ aig Fèisean nan Gàidheal a chuireadh air chois gus ginealach ùr de luchd-labhairt is luchd–seinn na Gàidhlig a bhrosnachadh a bhith a’ rannsachadh is a’ cruinneachadh òrain Ghàidhlig sa cheàrnaidh aca fhèin. Uile gu lèir thèid 52 òran a chur ris a’ ghoireas a tha seo a tha sìor-fhàs, 51 bho ar dualchas saidhbhir fhèin de dh’òrain Ghàidhlig agus cuideachd thèid coimisean a bhuileachadh air òranaiche Gàidhlig oran ùr a dhèanamh airson cuspair nan Cladaichean is nan Uisgeachan a chomharrachadh.

Thuirt an Leas-Phrìomh-Mhinistear, Iain MacSuibhne BPA:

“Tha cànainean is cultar na h-Alba riamh air a bhith ceangailte ri muir is tìr agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris a’ ghoireas seo bho Fhèisean nan Gàidheal mar thaic do Bhliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan.  Tha mi cinnteach nach ann a-mhàin gu leas ar n-òigridh a tha ann am foghlam tron Ghàidhlig a bhios e ach cuideachd  do dhaoine aig baile is thall thairis aig a bheil suim nar cultar.”

Thuirt Calum Ailig MacMhaoilein, Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal:

“Tha sinn letheach slighe tro ar pròiseict Cladaichean is Uisgeachan a-nis, le clàradh ùr de gach òran, ceangal gu seann chlàraidhean, faclan, eachdraidh is fiosrachadh air an àite às a bheil na h-òrain bho thùs agus ceangal chun nam Fèisean anns na h-àiteachan sin.

Tha sinn cho fortanach gu bheil sinn ag obair còmhla ri Jo NicDhòmhnaill air a’ phròiseict seo, leis cho fiosrach eòlach ‘s a tha i, leig sin leatha co-chruinneachadh luachmhor ùr de dh’òrain a thoirt dhuinn a bhios na ghoireas air leth do sheinneadairean is do luchd-teagaisg mar aon. Bha e sgoinneil fhèin na seinneadairean eadar-dhealaichte a bha an lùib a’ phròiseict seo a chluinntinn agus tha mi an dòchas  gum brosnaich seo iadsan is feadhainn eile am barrachd a sheinn.”

Thuirt Jo NicDhòmhnaill:

“ ‘S e toileachas is urram a tha ann dhomh a bhith ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal air a’ phròiseict seo. Tha dìleab mhìorbhaileach de dh’òrain againn ann an Gàidhlig ach chan eil e daonnan furasta lorg fhaighinn orra, gu h-àraidh do dh’òganaich. Thug e toil-inntinn dhomh cuideachadh le bhith a’ cur tuilleadh den stòras shaidhbhir òran seo nan tairgse agus b’ e cothrom sgoinneil a bha anns a’ chuspair, Cladaichean is Uisgeachan, airson cuid de na sàr-òrain a chur an cèill agus ulaidhean ùra a thoirt am bàrr.”

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer