Chaidh film de dhealbh-chluich Nollaig ùr a thaisbeanadh son a chiad uair an t-seachdain sa chaidh (Dimàirt 8 Dùbhlachd) do bhun-sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha agus thèid a shruthadh beò air duilleag Facebook Fhèisean nan Gàidheal air Diardaoin 17 Dùbhlachd aig 7f.
Chaidh Ròs Bhàn agus na Seachd Sìthichean a’ sgrìobhadh ‘s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal. Thuirt Aonghas: “Bha fhios againn tràth sa bhliadhna nach biodh e comasach dhuinn turas-sgoile a dhèanamh ‘s thug sinn sùil air dòighean eile gus an aon sheirbheis a thabhann air loidhne. Ged a chaidh a’ mhòr-chuid de na seallaidhean fhilmadh beò mar gum biodh, thug am moth-taisbeanaidh seo cothrom dhomh fad a bharrachd charactaran a chur an sàs na cheadaicheadh turas-sgoile. Bha cothrom ann dà shealladh fa leth fhilmadh cuideachd, aonan as a bheil cameo leis a’ cheòladair ‘s seinneadair à Mànran, Eòghann MacEunraig, leis a’ charactar aige Jòn Joe Mac na Siobhaige, a tha stèidhte air Joe Wicks.”
Rinn an sgioba de chleasaichean, anns a bheil dithis a bha roimhe nan compàirtichean aig Sgoil Shamhraidh Dràma Fhèisean nan Gàidheal, obair-deasachaidh le Zoom an toiseach mus do choinnich iad aig astar bho chèile son seiseanan-deasachaidh buidhne agus latha filmaidh ann an Inbhir Nis.
‘S i Josie Chaimbeul à Inbhir Pheofharain, a tha a’ cluich a’ phrìomh phàirt aig Ròs Bhàn. ‘S i Aileas NicLeòid, às an Eilean Sgitheanach, a tha cluich a’ bhanrigh òlc Coronìnag ‘s tha cothrom aic’ a guth-seinn a thaisbeanadh ann an dòigh gu math spìocach san fhilm. ‘S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Bekah NicLeòid cuideachd, a tha nochdadh mar na seachd sìthichean agus bh’aice ri smachd a chumail air Coisty a’phitheid. Tha Daibhidh MacCoinnnich à Glaschu a’ cluich Heeves, am buidealair aig a’ bhanrigh Coronìnag.
Thuirt Aonghas, a tha nochdadh san mar sheanmhair Ròis Bhàin: “‘B e rud ùr ‘s annasach a bh’ann dhuinn uile cleasachd a dhèanamh air beulaibh camara ‘s ar n-aire a chumail air an stiùireadh a thaobh astarachadh sòisealta aig an aon àm ach cha do chuir sin bacadh oirnn. Chaidh an fhilmadh a dhèanamh aig an stiùideo ùr aig Limelight Event Services ann an Inbhir Nis. ‘S e goireas air leth a th’ann agus leis an sgioba luchd-camara tàlantach a bh’againn thug sin cothrom dhuinn film a chruthachadh aig àrd-ìre”
‘S e seo an dàrna bliadhna deug a’ riochdaich Fèisean nan Gaidheal dealbh-chluich Nollaig tron t-seirbheis foghlaim Fèisgoil le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.
Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil: “Mar is tric aig an àm seo den bhliadhna, tha e na chleachdadh do sgioba de chleasaichean a bhith gan deasachadh fhèin gus turas a dhèanamh tron chuid as motha de bhun-sgoiltean Gàidhlig air feadh na dùthcha is ged nach robh dòigh ann seo a dhèanamh am-bliadhna bha sinn a‘ faireachdainn gum biodh e cudromach fhathast beagan spòrs, fealla-dhà agus spiorad na Nollaige a thabhann dha na sgoiltean air-loidhne. Rinn Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid, dealbh-chluich ùr le còignear an sàs agus tha sinn taingeil do ar luchd-maoineachaidh airson a’ chothroim obair mar seo a thabhann do chleasaichean le Gàidhlig a dh’aindheoin na bacaidhean a tha Covid air adhbhrachadh.”
Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn gu math toilichte taic a chumail ri Fèisean nan Gàidheal agus panto na bliadhna-sa. Tha e a’ toirt cothrom do chloinn air feadh Alba gus dràma sa Ghàidhlig fhaicinn agus tha sinn an dùil gun toir e togail às dèidh bliadhna a tha air a bhith duilich.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun dealbh-chluich Nollaig cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot no Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.scot. Gus am film fhaicinn air Facebook, nach tadhail sibh air www.facebook.com/feisean/live air 17 Dùbhlachd aig 7f.
