Òigridh air am brosnachadh gus Cuairt Bheag a ghabhail le film ùr


Thèid Cuairt Bheag, film Gàidhlig ùr do chloinn òga, a riochdaich Fèisean nan Gàidheal, a shruthadh gu poblach air Facebook air Disathairne 13 Màrt.

‘S e film goirid a th’ann an Cuairt Bheag le fòcas air a’ chothrom a th’ann cuairt bheag a ghabhail air a’ bhlàr a-muigh is na cothroman-cluiche na cois.   Anns an fhilm thèid eòlas a chur air Hùb Hàb ‘s na thachras nuair a lorgas i bogsa draoidheil air starsach an taighe aice.

Chaidh an fhilm a’ sgrìobhadh ‘s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal agus rè a’ cheala-deug a dh’fhalbh tha sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean feadh na dùthcha air a bhith faighinn cothrom ga fhaicinn.  

Mhìnich Aonghas: “‘S e pròiseact tèatar-oideachaidh a th’ann an Hùb Hàb agus tha e na chleachdadh dhuinn turas a dhèanamh le dealbh-chluich aig an àm seo den bhliadhna.  Thug am film cothrom dhuinn a’ phròiseact thabhann air loidhne le torr eileamaidean bhon dealbh-chluich na chois agus trì òrain ùra.”

‘S e Katie NicPhàrlain, a tha stèidhte ann an Àrd Ruigh, a tha cluich an caractar aig Hùb Hàb anns an fhilm le ceòl-taic bho Pablo Lafuente, ceòladair agus ball den chòmhlan-ciùil, Project Smok agus ‘s e a dh’fhilm na seallaidhean.  Thug am pròiseact cothrom do Mara Hughes, a tha sia bliadhna a dh’aois ‘s nighean-peathar Cheitidh, pairt a ghabhail san fhilm mar an guth aig caraid Hùb Hàb.   Bha i ag ionnsachadh aig an taigh nuair a chaidh an fhilm a dhèanamh is thuirt i:  Chòrd a h-uile rud rium! ‘S fìor thoil leam na h-òrain agus a’ phàirt le Fitheach an cù!”

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ riochdachadh Hùb Hàb tron t-seirbheis foghlaim Fèisgoil le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Thuirt Eilidh NicCoinnich, manaidsear Fèisgoil: “Tha Ceitidh agus Pablo air obair mhìorbhaileach a dhèanamh a’ tarraing na h-òrain agus na seallaidhean a chaidh fhilmadh ri chèile agus bha sinn air ar dòigh cothrom a thoirt do Mhara pàirt a ghabhail san fhilm mar ghuth an caraid aig Hùb Hàb.   Freagraidh am film air a h-uile duine, aig an sgoil no aig an taigh leis an teaghlach.  Chaidh na h-òrain a’ sgrìobhadh a dh’aona-ghnothaich son an fhilm agus chaidh an taisbeanadh gu grinn le Ceitidh agus Pablo.  Lorgar na faclan sna h-òrain air ar làrach-lìn agus tha fàilte air daoine gan sgaoileadh air clann òga, an tidsearan, caraidean ‘s teaghlaichean feadh an àite.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun fhilm cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot no Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.scot.  Gus am film fhaicinn air Facebook, nach tadhail sibh air www.facebook.com/feisean/live air 13 Màrt aig 10.30m.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer