Tha Fèis Thiriodh ag ullachadh airson a’ chiad thachartas aca ann a cha mhòr dà bhliadhna le feasgar de chur-seachadan, ann an cuideachd le Fèis an eilein.
Bidh ‘Blas na Fèise’ a’ ruith ann an com-pàirteachas le Fèis Chiùil Thiriodh air Disathairne 26 Òg Mhìos eadar 1-15 – 4.15f aig An Talla.
Thuirt Cathraiche na Fèise Janice NicAonghais:
“Ged a tha gu leòr de dhaoine a chaidh am bogadh anns an Fhèis a tha a-nise a’ cluiche air neo a’ ruith TMF , ‘s e seo a’ chiad turas a tha an Fhèis air tachartas a dhèanamh an cuide leis an Fhèis Chiùil. Tha sinn fortanach gum bi Norrie MacÌomhair cuide rinn a bharrachd air ceòladairean tàlantach an eilein”.
A-measg na bhios a’ tachairt airson clann aois-sgoile, bidh seinn le Norrie MacÌomhair (Skipinnish), dannsa-ceum le Tara Rankin is ceòl-taic bho Sheumaidh MacDhòmhnaill (Eabhal) agus Slighe Ionmhais. A bharrachd air sin, bidh Fèis Bheag ri fhaotainn do chlann aois sgoil-àraich le Iseabail Chaimbeul aig an stiùir.
Bidh fàilte air pàrantan/luchd-cùraim (aig astar le còmhdach-aghaidh) airson cuirm deireannach na Fèise an uair a thèid a rafail a dhèanamh cuideachd. Faodar tiogaidean a’ rafail a cheannach bho Bhùth a’ Bhaile, Café Carrieann, Tyree Gin agus aig an doras air an latha. Ma tha duine sam bith airson duais a thabhainn dhan a’ rafail, cuiribh fios air feisthiriodh@live.co.uk neo Linda Nic a’ Ghobhain air 07787 571560.
Tuilleadh fiosrachaidh & clàradh
Airson Blas na Feise (aois-sgoile), bruth an seo.
Airson na Fèise Bige (aois sgoile àraich), cliog an seo.

