Fèis na h-Òige cruinn còmhla a-rithist

Thàinig òigridh, oidean is luchd-taic Fèis na h-Òige cruinn còmhla a-rithist an t-seachdain seo chaidh (5mh gu 9mh Iuchar) airson a’ chiad turas ann an cha mhòr dà bhliadhna, mar phàirt de thachartas Chomhairle na Gàidhealtachd Samhradh an Dòchais

Ghabh 30 òganach pàirt ann am bùithtean-obrach ciùil, ealain is spòrs ann an Gàidhlig tron t-seachdain aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI) cuide ri oidean ionadail. 

Thuirt ionmhasair na Fèise, Kirsteen Russell: “Tha Fèis na h-Òige air a dòigh a bhith ag obair cuide ri Comhairle na Gàidhealtachd le meanbh-Fhèis a chur air dòigh tro phrògram Samhradh an Dòchais. Tha e air còrdadh glan ris a’ chloinn a th’ air a bhith aig an Fhèis cheana a bhith cruinn còmhla a-rithist agus tha e air còrdadh ris an òigridh a tha ùr don Fhèis. ‘S e deagh chothrom a th’ ann dhaibhsan blasad den Fhèis fhaighinn agus dhuinne a bhith a’ cur Fèisean air dòigh a-rithist”. 

Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, an Comhairliche Iain Fionnlastan:  “Tha luchd-obrach na Comhairle air a bhith ag obair le Com-pàirtichean air a’ Ghàidhealtachd airson prògram de thachartasan spòrsail a chur air dòigh do chlann is òigridh agus tha am prògram Samhradh an Dòchais a-nise air bhonn. Mholainn do theaghlaichean air a’ Ghàidhealtachd sùil a thoirt air na bhios a’ dol anns an sgìre agus cothrom a ghabhail air na seiseanan sna seachdainean ri thighinn. ‘S e àm a th’ anns an t-samhradh a bhith ri plòigh agus a’ coimhead air aghaidh, tha sinn an dòchas, ri teirm-sgoile far nach bi an uidhir de bhacaidhean ann”. 

Thèid an ath shreath de bhùithtean-obrach a chumail eadar 2mh agus 6mh den Lùnastal agus bidh iad fosgailte do chlann a bhios a’ dol gu BSGI. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus foirm clàraidh bho Dholina Ghrannd air Dolina.Grant@highland.gov.uk neo 07884 308751.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer