Aileas ann an Saoghal an Iongantais

Tha Taigh-cluiche Fèis Bhaile Chloichridh agus Fèis Thatha a’ toirt Aileas ann an Saoghal an Iongantais beò ann an dàn’-thuras ùr de lèirsinn is fuaim agus eadar-obrachail air a’ bhlàr a-muigh! 

Ann an Saoghal an Iongantaisfaodaidh rud sam bith tachairt

Bho 17 Iuchar – 12 Sultain, tha gàrraidhean bòidheach Taigh-cluiche Fèis Bhaile Chloichridh  gu bhith air bhoil nuair a thig an taigh-cluiche ainmeil ann an Siorrachd Pheairt agus Fèis Thatha còmhla gus na caractaran a thoirt beò ann an seann-sgeulan prìseil Lewis Carroll, Alice in Wonderland agus Alice Through the Looking Glass, le dàn’-thuras coiseachd ùr, brosnachail is eadar-obrachail tro mheadhanan lèirsinneach is fuaime dà-chànanach.

 Air a shuidheachadh taobh a-staigh Gàrradh Rannsachairean an taigh-cluiche, bheir Aileas ann an Saoghal an Iongantais luchd-amhairc is èisteachd air turas eadar-obrachail far am bi iad a’ siubhal air Slighe nan Cairtean Cluiche, tro Phàrtaidh Teatha an Adair Chraicte, Gèam Àibheiseach Tàileisg ann an Gàrradh Cholbhan na Banrigh Deirge, agus Lùchairt na Banrigh Gile a’ nochdadh am measg nan craobhan, agus a’ faicinn na Brataig mòire gaolaich agus a’ gabhail pàirt ann an sireadh a’ Chait à Cheshire!

Mus tig luchd-clàraidh nan tiogaidean, thèid ceangal a chuir thuca gu App ùr bhon taigh-cluiche airson a luchdachadh sìos ron tachartas, a bheir an turas aca beò fhad ’s a tha iad a’ tighinn a-steach don sgeulachd sa ghàrradh. Bidh an turas tro na gàrraidhean a’ lìbhrigeadh trac-fuaime ann an Gàidhlig agus Beurla a bhios air an eadar-thoinneamh. 

A thuilleadh air an App, faodaidh daoine aig a bheil tiogaidean, leabhran a luchdachadh sìos bho làrach-lìn an taigh-cluiche mar phàirt den t-sreath Build Your Own Theatre aig an taigh-cluiche, a bheir seachad fiosrachadh cuideachail mun dòigh air èididhean furasta a dhèanamh agus thu fhèin a sgeadachadh airson do thurais don ghàrradh a dhèanamh fiù nas cuimhneachail. Tha seo ann an Gàidhlig agus Beurla cuideachd. 

A’ cur an guthan ris an dàn’-thuras ùr eadar-obrachail seo, ann an Gàidhlig agus Beurla, bidh Beth Frieden (Class Act, Traverse Theatre agus Caiptean Cora, Theatre Gu Leòr); Lana Pheutan (CBBC Alba); agus Daibhidh Walker (Scenes of Survival agus Last Tango in Partick, National Theatre of Scotland). Tha Aileas ann an Saoghal an Iongantais air a sgrìobhadh agus air a stiùireadh le Amy Liptrott bho na nobhailean aig Lewis Carrol. Tha an spaidsreachd-sràide air a dhealbhadh le Elizabeth Newman, le dealbhadh agus co-chur fuaime leis an neach-ciùil, an t-innleadair claistinn agus an dealbhaiche fuaime à Siorrachd Pheairt, David Macfarlane, agus an seinneadair / sgrìobhaiche òrain Aileen Ogilvie. Chaidh Alice in Wonderland World eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Beathag Mhoireasdan

 Thuirt Amy Liptrott, a sgrìobh an sgriobt agus a stiùir an dealbhadh fuaime: 

Is e sgeul dàn’-thurais mhìorbhaileach a th’ ann an Aileas ann an Saoghal an Iongantais. Tha i cho dàna agus a’ coinneachadh ris a leithid de charactaran iongantach. Tha e air a bhith anabarrach spòrsail a bhith ag obair air an sgriobt còmhla ris na cleasaichean agus an sgioba dealbhaidh fuaime, gus àite a thoirt do Aileas ann an Gàrradh Rannsachairean àlainn Taigh-cluiche Fèis Bhaile Chloichridh. Tha an cothrom air obrachadh air a’ phìos 

seo ann an Gàidhlig còmhla ri Fèis Thatha air a bhith fìor bhrosnachailTha sinn a’ comharrachadh nan cànan sin agus an àite ann an cruth-tìre dachaigheil Gàidhealtachd Shiorrachd Pheairt.”

Thuirt Gill Steele, cathraiche Fèis Thatha:

Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair le PFT air a’ phròiseact dà-chànanach gun choimeas seo. Airson a’ chiad uair ann an Siorrachd Pheairt, tha taisbeantas a dh’aon ghnothaich do theaghlaichean anns an dà chuid Gàidhlig agus Beurla, far am faod iad dàn’-thuras a ghabhail a-steach do Aileas an an Saoghal an Iongantais’.

Tha e mìorbhaileach gum bi cothrom aig clann coinneachadh ri Cat Cheshire agus teatha a ghabhail còmhla ris an Adair Chraicte anns an dà chànan.” 

Thuirt an Seinneadair / Sgrìobhaiche-òrain, Aileen Ogilvie, mun cheòl agus mun fhuaim airson Aileas ann an Saoghal an Iongantais:  

 “Tha sinn air fuaimean Saoghal an Iongantais a chruthachadh, air ar brosnachadh leis an àrainneachd mun cuairt Gàrradh nan Rannsachaireanna facail aig Lewis Carroll, na caractaran, rannan chloinne agus traidiseanan ciùil Gàidhealtachd Shiorrachd Pheairt. Tha a’ Ghàidhlig air a bhith aig cridhe a’ phròiseict seo, agus tha e air a bhith brosnachail is inntinneach ag obair air a bhith a’ leasachadh rudeigin a chuireas Gàidhlig an aithne do luchd-èisteachd ùr, a mheudaicheas faicsinneachd na Gàidhlig san sgìre agus dòigh ùr a thoirt do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig de gach aois air a dhol an sàs sa chànan. 

Bheir an dàn’-thuras seo luchd-tadhail air turas tro dhiofar stoidhlichean ciùil fhad ’s a tha iad a’ dèanamh an slighe tro Shaoghal an Iongantais.”

Faodaidh luchd-tadhail a thighinn a-steach don làraich aig àm sam bith eadar 12-4f air an latha a chlàr iad.  Gus sàbhailteachd an luchd-èisteachd a dhèanamh cinnteach, bidh an taigh-cluiche a’ cumail sùil air na h-àireamhan airson adhbharan astarachaidh sòisealta. Mar a bhios an tachartas a’ ruighinn na h-àireamh as àirde air an làraich, dh’fhaodadh gum bi àm fois goirid ann gus ceadachadh do luchd-tadhail gluasad air adhart, gus am bi iad ceadaichte an uair sin a dhol a-steach nuair a bhios e sàbhailte sin a dhèanamh. 

Bheir an taigh-cluiche measadh air an àireamh as motha de luchd-tadhail thar an latha agus aon uair ’s gu bheil an ìre clàraidh seo air a ruighinn, bidh an latha a’ taisbeanadh UILE REICTE air an làraich-lìn. 

Tha Taigh-cluiche Fèis Bhaile Chloichridh a’ cumail nithean sùbailte agus faodaidh luchd-èisteachd sin a dhèanamh cuideachd.  Pàighidh iad airgead air ais gun strì agus airson adhbhar sam bith (a’ gabhail a-steach an t-sìde!) ma thèid sin iarraidh, co-dhiù 24 uair a thìde mus tòisich an taisbeantas. Mar sin, faodaidh luchd-èisteachd clàradh airson an t-samhraidh le misneachd ma dh’atharraicheas planaichean gum faigh iad an t-airgead air ais!  

Bidh teaghlaichean comasach air latha sònraichte math a bhith aca aig Taigh-cluiche Fèis Bhaile Chloichridh oir bidh riochdachadh ainmeil an taigh-cluiche de The Wind in the Willows air a ghnìomhadh san taigh-cluiche gu 12 Sultainnuair a bhios Aileas ann an Saoghal an Iongantais crìochnaichte.

Bidh Aileas ann an Saoghal an Iongantais fosgailte bho 17 Iuchar – 12 Sultain bho Diardaoin-Didòmhnaich eadar 12-5f. Tha an innteart mu dheireadh aig 4f.

 Tha Aileas ann an Saoghal an Iongantais cinnteach a bhith na urram mìorbhaileach do sgeul chlasaigeach. Dè an dòigh a b’ fheàrr air cuimhneachain ùra samhraidh a chruthachadh do luchd-tadhail de gach aois?

Airson tiogaidean agus tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air www.pitlochryfestivaltheatre.com

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer